10mh Lùnastal 2009

 

Thàinig deugairean bho air feadh Alba còmhla ann am Bad a’ Ghiuthais faisg air An Aghaidh Mhòr air an 24mh-27mh den Iuchar. Bha buidhnean ann à Leòdhas, Uibhist, Glaschu agus Inbhir Nis agus bha deagh thurais aca. ’S e cothrom a bha seo dhaibh conaltradh is eòlas fhaighinn air daoine ùra agus cur-seachadan ùr fheuchainn cuideachd. Bha tòrr spòrs aca ‘s iad a’ seòladh ann an canoes, a’ falbh air baidhsaigealan agus a’ feuchainn ri grèim fhaighinn air na ròpaichean àirde! Chòrd an turas riutha glan fhèin le cur-seachadan ùra, seallaidhean bòidheach san àite agus bha a’ ghrian a’ deàrrsadh fhad ’s a bha sinn ann!

’S e Buidheann Sgrùdaidh Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd airson Gàidhlig a chur an turais air dòigh le taic bho Chomunn na Gàidhlig agus bha a h-uile gnìomh air an dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.