Tha thu an-seo: Dachaigh
Naidheachdan
Naidheachdan nas sine
Naidheachdan 2009
Iomairtean Cànain gan stèidheachadh




14mh Faoilleach 2009
Tha na h-Iomairtean Cànain air an dealbh air dòighean-obrach Menter Iaith a tha air a bhith stèidhte sa Chuimrigh airson faisg air fichead bliadhna agus a tha air feum mòr a dhèanamh, chan ann a mhàin le a bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Cuimris, ach cuideachd le bhith a neartachadh eaconomaidh nan coimhearsnachdan sin.
Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard ChnaG: “Tha CnaG a’ coimhead air obair anns na coimhearsnachdan mar an rud is cudromaiche airson a’ Ghàidhlig a neartachadh. Tha sinn air a bhith a’ coimhead air mar a tha na h-Iomairtean Cànain air soirbheachadh sa Chuimrigh le sùil gun obraich iad ann an coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Iomairtean Cànain a steidheachadh ann an Loch Abar, Ceann a-tuath an Eilean Sgitheanaich agus Dùn Èideann. Anns na beagan sheachdainean air thoiseach oirnn, bidh sinn a’ dèanamh an dearbh rud anns na h-Eileanan an Iar.”
Aig a’ Cho-labhairt ann am Breascleit thuirt Linda Fabiani BPA, am Ministeir air am bheil uallach airson Gàidhlig agus Cultar, gu robh an Riaghaltas a’ meas Gàidhlig mar ghoireas phrìseil a bha cudromach air feadh Alba, anns na bailtean mòra agus anns na bailtean beaga a bharrachd air na sgìrean Gàidhealach is Eileanach a bhathas a’ tomhas mar na h-àiteachan far am biodh a’ Ghàidhlig làidir. Thuirt i cuideachd gu robh a’ Ghàidhlig cudromach bho thaobh eaconamaidh le mòran chothroman cosnaidh air an cruthachadh, gu h-àraidh ann an sgìrean far an robh cothroman obrach eile gann.
Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, “Chaidh a dhearbhadh dhuinn gu soilleir aig a’ cho-labhairt ann am Breascleit cho cudromach is a bhios taic do dh’obair anns na coimhearsnachdan ma tha Gàidhlig a’ dol a chumail oirre a’ leasachadh agus ma tha àireamh an luchd-labhairt gus a bhith a’ dol am meud thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn. Faodaidh pròiseactan sna coimhearsnachdan diofar mòr a dhèanamh glè thric eadar an cànan a bhith air a chleachdadh neo air a cur an dàrna taobh. Tha Bòrd na Gàidhlig ro-thoilichte a bhith a’ maoineachadh leasachadh mar seo airson coimhearsnachdan a bhrosnachadh gus pròiseactan ùr-ghnàthach a phlanadh aig am bi buaidh leantainneach air a’ Ghàidhlig anns na sgìrean ionadail aca.”
Tha a’ phròiseact Iomairtean Cànain air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air a ruith le Comunn na Gàidhlig.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu, Eairdsidh MacIlleathain, Comunn na Gàidhlig air 01463 234138.