Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Gàidhlig a’ dol a sgitheadh

6mh An Gearran 2009

Tha sgitheadh ann an Alba air dreach gu tur ùr a ghabhail tro phrògram farsaing de shoidhneachan dà-chànanach agus stuthan taic Gàidhlig ann an Ionadan Sgithidh na h-Alba. Tha an t-seachdain seo a’ comharrachadh crìoch na ciad ìre den phrògram leis an dà chuid, Ionad Sgithidh na Lice agus Ionad Sgithidh Ghleann Sìth, gu foirmeile a’ cur air bhog an soidhneachan ùra Gàidhlig agus am mapa-slighe a tha gu h-iomlan dà-chànanach.  

Mar phàirt den iomairt seo, tha an dà ionad air Planaichean Gàidhlig ullachadh, agus leis an sin a’ dèanamh cinnteach gum bi am modh dà-chànanach a’ leantainn air adhart san àm ri teachd agus gum bi ìomhaigh mòran nas àirde aig a’ Ghàidhlig anns na h-àiteachan sin. 

Tha Ionadan Sgithidh na Lice agus Ghleann Sìthe air iomairt nan soidhneachan ùra agus nam mapaichean a chur an gnìomh tro chom-pàirteachas eadar Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean le Bòrd na Gàidhlig a’ solarachadh taic ionmhasail don iomairt.  

Tha am pàirt cudromach a tha aig sgitheadh ann an eaconamaidh na h-Alba agus an tarraing a tha aig sgitheadh do gach aois a’ ciallachadh gu bheil comas aig àireamh ùr den t-sluagh ruighinn air a’ Gàidhlig, agus fiosrachadh fhaotainn air an lìonmhorachd de chothroman a tha co-cheangailte rithe.  

Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, an Ceannard an Gnìomh aig Bòrd na Gàidhlig, "Tha sinn glè thoilichte gu bheil comas againn taic a chur ris an dà ionad, an Leac agus Gleann Sìth, gus a’ Ghàidhlig adhartachadh agus a cleachdadh nan obair làitheil. Is e seo a’ chiad turas a tha Planaichean Gàidhlig air an cur an sàs sa roinn phrìobhaideach, agus tha miann làidir againn aire an t-sluaigh a tharraing gun raon fharsaing de chothroman obrach a tha rim faotainn tron Ghàidhlig."  

Thug Comunn na Gàidhlig (CnaG) taic practaigeach do na h-ionadan sgithidh agus chruthaich iad na mapaichean-slighe dà-chànanach. Dh’aithris Eàirdsidh MacGilleathain, Ceannard ChnaG, gu bheil e comasach do gach gnothachas sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan taic ionmhasail agus practaigeach fhaotainn gus soidhneachan dà-chànanach a chleachdadh. "Bidh sinn a’ solarachadh taic do raon de ghnothachasan, agus an-dràsta fhèin tha sinn a’ sireadh chompanaidhean eile aig a bheil toil a thaobh soidhneachan dà-chànanach a chur an sàs."  

Cha ghabh cudromachd na Gàidhlig do dh’eaconamaidh na h-Alba a bhith air a mheas fo luach agus tha Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean den bheachd gur e inneal làidir gun choimeas a th’ anns a’ chànan gus gnothachasan a bhrosnachadh. Thuirt Alasdair MacLeòid bho Roinn Fàs Choimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: "Tha InG a’ faicinn na Gàidhlig mar mhaoin-taic do ghnothachasan agus do choimhearsnachdan na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Tha e na adhbhar toileachais a bhith a’ faicinn an dìoghrais ath-nuadhaichte seo agus an taic dhan Ghàidhlig air feadh na Gàidhealtachd, agus tha InG daingeann a thaobh ar cànan, ar dualchas cultarach agus ar traidiseanan a chur gu feum ann an leasachadh na sgìre. Tha cleachdadh na Gàidhlig air soidhneachan na dhòigh èifeachdach agus buadhach gus a bhith a’ taisbeanadh uaill nar dearbh-aithne agus buntanas àite dhaibhsan a tha a’ còmhnaidh ann agus a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.” Mar thoradh air an uimhir de dh’obair eadar-theangachaidh agus ghoireasan a chaidh a chruthachadh, tha comas aig an dà ionad sgithidh fiosrachadh a chur air na làraich-lìn aca co-cheangailte ri ainmean àiteachan gach ceàrnaidh agus mar a thàinig am briathrachas Gàidhlig gu bith.

Bithear a’ leantainn air an obair aig An Leac agus Gleann Sìth le leasachaidhean ionnan aig Ionadan Sgithidh eile ann an Alba tro sheusan a’ gheamhraidh. Tha Comunn na Gàidhlig a’ cur fàilte air fiosrachadh air ais mu na leasachaidhean sin agus air seòladh puist-dealain a chur air bhonn a dh’aon ghnothaich gus cothrom a thoirt do neach sam bith fios a chur thuca.

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Notaichean do luchd-deasachaidh 

Bòrd na Gàidhlig Is e Buidheann Poblach Neo-roinneil gnìomhach a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh le Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Is e am Bòrd am prìomh bhuidheann poblach ann an Alba aig a bheil an t-uallach airson leasachadh na Gàidhlig a chur air adhart agus a bhith a’ toirt comhairle do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig. Am measg dhleastanasan agus ghnìomhan a’ Bhùird tha a bhith ag amharc thairis air Plana Nàiseanta na Gàidhlig; a’ comhairleachadh Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig; ag obair le ùghdarrasan poblach gus planaichean Gàidhlig a thoirt gu buil; agus a’ liubhairt ro-innleachd nàiseanta air foghlam Gàidhlig.

Comunn na Gàidhlig Is e Buidheann Leasachaidh Gàidhlig a th’ ann an Comunn na Gàidhlig a tha fo chùnnradh aig an dà chuid, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, gus pròiseactan a liubhairt a bhios a’ leasachadh agus a’ meudachadh air an uimhir de Ghàidhlig a tha air a cleachdadh ann an Alba.

Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Is e buidheann leasachaidh eaconamach is coimhearsnachd Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an InG, airson sgìre eadar-mheasgte a tha a’ còmhdach còrr agus leth na h-Alba. Tha InG ag amas air fàs eaconamach seasmhach a thogail anns gach pàirt den Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, agus bidh InG a’ liubhairt a sheirbheisean tro sgiobaidhean sgìreil a tha suidhichte ann an àiteachan eadar Lèiruig agus Ceann Loch Gilb.

Leac a’ Ghobhainn Tha Ionad Sgithidh na Lice 2090 troighean os cionn na mara am measg bòidhchead a’ Mhonaidh Ruaidh an Ear. Tha an raon-cluiche nàdarrach seo a’ tairgsinn ghnìomhachdan bhrosnachail a-muigh. Tarsainn air an A939, an rathad ainmeil eadar Drochaid a’ Choilich agus Tom an t-Sabhail, gheibhear gun Leac 2090 furasta gu leòr bho Fhàn Spè agus An Aghaidh Mhòr, bho Abhainn Deathain agus Obar Dheathain agus bho Oir Dhè Rìoghail agus Peairt.

Gleann Sìth Tha an ionad ri taobh an rathaid mhòir as àirde ann an Alba a tha a’ ruith tro bhealach Chàirn a’ Bhailg. Aig aon àm, b’ e seo aon de na prìomh shlighean dròbha eachdraidheil às a’ Ghàidhealtachd chun na Galltachd. Thòisich sgitheadh ann an Gleann Sìth aig deireadh nan tritheadan agus a-nis is e an ionad sgithidh as motha ann an Alba.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach