Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

3mh Ògmhìos 2009

Ri linn ’s cho soirbheachail ’s bha an fharpais ball-coise “Cuach na Cloinne” an uiridh, tha CnaG ga cur air bhonn am bliadhna a-rithist. Tha tòrr ùidh air nochdadh san fharpais le 39 sgoiltean a’ cluich sa cuairtean roinneil. Bha na cuairtean roinneil sa Phloc, Inbhir Nis, Steòrnabhagh, Lionalceit agus Sruighlea. Bho na cuairtean roinneil bidh 2 sgioba dol air adhart don chuairt dheireannach a thèid a’ chumail sa Ghearasdan aig, Roinn Chluiche uil-aimsireil, Àrd-sgoil Loch Abair air 13 Ògmhìos 2009.

Tha Cuach na Cloinne fosgailte do sgoilearan air P4-7, a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e na dheagh chothrom dhaibh an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Cleachdar na riaghailtean Àbhaisteach airson sgioba-còignear ach thèid a h-uile gnothach co-cheangailte ris a’ dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Cuach na Cloinne air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus MG Alba agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Am Ploc - 9 Cèitean 2009

Bun-sgoil Phort Rìgh (Ciad àite)
Bun-sgoil Stafainn A (Darna àite)

Lionacleit - 9 Cèitean 2009

Bun-sgoil Dhalabroig (Ciad àite)
Bun-sgoil Chairinis (Darna àite)

Steòrnabhagh - 16 Cèitean 2009

Bun-sgoil a’ Bhac (Ciad àite)
Bun-sgoil Steòrnabhagh A (Darna àite)

Inbhir Nis - 16 Cèitean 2009

Bun-sgoil Cnoc na Creige A (Ciad àite)
Bun-sgoil Inbhir Nis A (Darna àite)

Sruighlea – 23 Cèitean 2009

Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A (Ciad àite)
Bun-sgoil Crois na Cìse B (Darna àite)

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach