Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

8mh Ògmhìos 2009

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air leth toilichte ainmeachadh gu bheil MG ALBA a’ dol a thoirt taic dha na h-oidhirpean aige a bhith ag adhartachadh is a’ leasachadh na Gàidhlig aig ìre coimhearsnachd tro chom-pàirteachadh san Fharpais Nàiseanta Ball-Coise airson Sgoiltean 2009 a tha CnaG a’ cur air adhart. Tha cuideachd Lìog Ball-coise na h-Alba a tha a’ cur air dòigh Cupa Dùbhlan ALBA a’ cur fàilte air a’ cho-fharpais a tha a’ faighinn sponsaireachd bho MG ALBA.

An dèidh mar a shoirbhich leis an fharpais an-uiridh, tha CnaG air farpais 2009 a chur air dòigh agus bidh na cuairtean deireannach a’ gabhail àite sa Ghearastan air Disathairne 13mh Òg-mhios. Am bliadhna, airson a’ chiad turas, bidh MG ALBA a' leudachadh an sponsaireachd de Chupa Dùbhlan ALBA le bhith a’ toirt a’ chothroim don sgioba a bhios soirbheachail a bhith an làthair mar urrachan aig Cuairt Dheireannach Cupa Dùbhlan ALBA a bhios air a chraoladh beò air BBC ALBA san t-Samhain 2009.

Chan e a-mhàin gu bheil farpais ChnaG, a tha fosgailte do chloinn air Prìomh 4-7 Bun-sgoile agus a tha a’ dol tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ toirt dhan chloinn an cothrom faighinn troimhe chun Chuairt Dheireannach Nàiseanta agus eadhoin duais Cuach na Cloinne a bhuannachadh, ach tha e cuideachd a’ toirt dhaibh an cothrom coinneachadh ri cloinn le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha.

Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard ChaG, 'Tha sinn air leth toilichte gu bheil MG ALBA a’ toirt taic do cho-fharpais na bliadhna-sa. Tha seo a’ toirt togail mhòr don fharpais agus a’ cur ri cliù. Tha e riatanach gum bi cloinn a tha a’ dol tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothrom a bhith a’ cleachdadh an cànain taobh a-muigh an rùm-sgoile agus ‘s e fìor dheagh mheadhan a tha ann am farpaisean spòrs airson seo. Tha sinn air leth taingeil do MG ALBA airson an taic choibhneil agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha air a’ phròiseact seo.’

Cluichidh deich sgiobannan a bha soirbheachail sna farpaisean roinneil a chaidh an cumail ann an Steòrnabhagh, Lìonacleit, Am Ploc, Inbhir Nis agus Sruighlea airson a’ Chupa sa Chuairt Dheireannaich a bhios air a cumail sa Ghearastan air 13mh Òg-mhios. B’ e inntrigidhean na bliadhna seo a b’ aìrde a bha ann riamh le 39 sgioba, bho 27 sgoil, a’ com-pàirteachadh sna farpaisean roinneil.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Ceannard MG ALBA, ‘’S e eileamaid air leth cudromach de chlàr BBA ALBA a tha ann an spòrs agus tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri buidhnean leithid Comunn na Gàidhlig air pròiseactan mar Farpais Ball-Coise nan Sgoiltean aig a bheil an comas taic a thoirt don chlàr. Tha Cuach na Cloinne a’ freagairt gu mòr air an amas a tha againn a bhith a’ toirt BBC ALBA a-steach do choimhearsnachdan air feadh Alba, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ co-obrachadh le Lìog Ball-coise na h-Alba, mar sponsairean air Cupa Dùbhlan ALBA, agus le Comunn na Gàidhlig, mar sponsairean air Cuach na Cloinne.’

Thuirt Daibhidh Longmuir, Ceannard Lìog Ball-coise na h-Alba ‘Tha an SFL air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do MG ALBA agus a chom-pàirtichean Gàidhlig, nan oidhirpean a bhith a’ leasachadh is ag adhartachadh ball-coise agus Gàidhlig aig ìre coimhearsnachd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ co-obrachadh leotha air an iomairt seo.’ 

Tha Cuach na Cloinne a’ faighinn taic bho MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach