Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

16mh Samhain 2009

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air leth toilichte ainmeachadh gum bi sgioba ball-coise bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a bhuannaich Cuach na Cloinne 2009 – farpais ball-coise nàiseanta do sgoiltean Ghàidhlig na h-Alba, an làthair aig Cuairt-deireannach Cupa Dùbhlan Alba air adhart sa mhìos seo.

Mar phàirt den duais airson farpais ChnaG, a bha fosgailte do sgoilearan Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig air clas 4 gu 7 den Bhun-sgoil, a bhuannachadh, tha MG ALBA air iarraidh air sgioba na sgoile a bhith an làthair. Tha MG ALBA a cumail taic-airgid ri Cupa Dùbhlan Alba far am bi Dùn Dè a cluich an aghaidh Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cuairt-deireannach na bliadhna sa. Thèid an geam a chluich aig Pàirc MhicDhiarmaid, Peairt, air Latha na Sàbaid 22 Samhain agus bidh e air a’ chraoladh beò air BBC ALBA aig 14.50, leis a’ ghèam a’ tòiseachadh aig 3f.

Bha MG ALBA cuideachd a cuir taic ri Cuach na Cloinne 2009, far an do ghabh 39 sgioba bho 27 sgoil air feadh na h-Alba pàirt mus deach na Cuairtean-deireannaich an cluiche sa Ghearasdan. Bha an fharpais maoinichte le Bòrd na Gàidhlig.

A’ bruidhinn às leth MG ALBA, thubhairt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear: “Tha MG ALBA air leth toilichte gun robh sinn, còmhla ri CnaG agus Bòrd na Gàidhlig, an sàs san tachartas cudromach seo, a tha toirt ri chèile clann agus pàrantan le Gàidhlig bho air feadh na h-Alba airson spòrs ann an àrainn Ghàidhlig. Tha sinn cuideachd air leth toilichte a bhith cumail taic ri Cuairt-deireannach Cupa Dùbhlan Alba a-rithist agus gum bi an gèam air a’ chraoladh beò air BBC ALBA a-rithist. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math don dà sgioba agus gun còrd an latha ri clann agus pàrantan Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.”

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh Chomunn na Gàidhlig: “Tha CnaG air leth toilichte gum bi Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a bhuannaich Cuach na Cloinne na bliadhna sa, gu bhith an làthair aig Cuairt-deireannach Cupa Dùbhlan na Alba. Tha sinn a-rithist a cuir meala-naidheachd air Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air an fharpais a bhuannachadh agus tha sinn cinnteach gun còrd an latha riutha. Tha sinn a toirt taing do MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic aca gus leigeil dhuinn an fharpais a ruith. Tha CnaG cuideachd a cuir fàilte air taic agus co-obrachadh bho Lìog Ball-coise na h-Alba agus SB St. Johnstone ann a bhith cuir air dòigh an sgoil a bhith an làthair aig Cuairt-deireannach Cupa Dùbhlan Alba.”

Bha Cuach na Cloinne 2009 maoinichte le Bòrd na Gàidhlig is taic bho MG ALBA.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach