Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

16mh Ògmhìos 2009

Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air co-fharpais ChnaG Cuach na Cloinne 2009 a bhuannachadh. Rinn iad a chùis air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis sa chuairt deireannach a chaidh a chumail ann an Àrd-sgoil Lochabair Disathairne sa chaidh. Tha an co-fharpais bhliadhnail fosgailte do chlasaichean bun-sgoil 4 – 7 tro mheadhain na Gàidhlig agus bha 39 sgioban bho 27 sgoiltean an sàs am bliadhna. A bharrachd air Cuach na Cloinne 2009 a bhuannachadh bidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an làthair mar urrachan aig Cuairt Dheireannach Cupa Dùbhlan ALBA a bhios air a chraoladh beò air BBC ALBA san t-Samhain 2009. Tha Cuach na Cloinne a’ faighinn taic bho MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

 Murchadh Moireasdan bho MG ALBA a toirt seachad cuach Chomunn na Gàidhlig, Cuach na Cloinne 2009 gu Danaidh Mac a’ Phì, sgiobair Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich co-fharpais am bliadhna. Cuideachd san dealbh tha Cupa Dùbhlan ALBA a bh’ air a taisbeanadh sa Ghearasdan.

Murchadh Moireasdan aig MG ALBA agus sgioba Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich Cuach na Cloinne 2009. Cuideachd san dealbh tha Cupa Dùbhlan ALBA a bh’ air a taisbeanadh sa Ghearasdan.

 Seo a h-uile sgioba a bha an sàs sa chuairt deireannach aig Cuach na Cloinne 2009.

 

Dealbhan le Iain Fearghasdan

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach