19mh Ògmhìos 2009

Thairis air an deireadh-seachdain, an 6mh is 7mh den Ògmhios bha Cupa na Cruinne nam baidhsagal a-rithist a’ dol air adhart anns a’ Ghearasdan. A’ tarraing luchd-turais is farpaisich bho iomadh pàirt den t-saoghal ’s e tachartas mòr a th’ ann. A’ bharrachd air a’ cho-fharpais fhèin, bha cèilidh no dhà ann agus diofar làraich mun cuairt air a’ cho-fharpais agus iomadh rud tarraingeach eile.

’S ann an seo le làrach is teant a bha Comunn na Gàidhlig. Bha Eilidh, Eairdsidh, Dòmhnall is Adhamh an sin as leth Comunn na Gàidhlig thairis air an deireadh sheachdain airson fiosrachadh a thoirt seachad mu dheidhinn a chànain, ga brosnachadh am measg na daoine agus beagan spòrs is fealla-dhà ann cuideachd le reic lèintean-t Gàidhlig agus le bhith ruith co-fharpais airson lèintean-t a’ bhuannachadh. Bha e math tòrr dhaoine fhaicinn aig an robh ùidh anns a’ Ghàidhlig; cuid a bha fileanta, luchd-ionnsachaidh agus cuideachd daoine nach robh àir mòran a chluinntinn mu deidhinn roimhe seo.