Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

3mh Samhain 2009

Thàinig 20 sgoilear Gàidhlig còmhla Disathairne 31mh Dàmhair ann an Glaschu aig tachartas ‘Dràma le astar’. Bha an seisean air a chuir air dòigh eadar Comunn na Gàidhlig agus CL&DRG agus an àite air a chuir air dòigh sa Leabharlann Mhìcheil le Cultar agus Spòrs Ghlaschu.

Às dèidh sreath de bhùithtean obrach le pìos dràma fa leth tighinn às gach fear rinn a’ chlann na dealbhan cluiche goirid a dh’ullaich iad tron latha. Fhuair na pàrantan chothrom na dealbhan cluich fhaicinn mus do chrìochnaich iad feasgar, rinn gu leòr sin agus abair gun do chòrd e riutha!

Bha gach pàiste an sàs ann an co-dhiù dà phìos drama. Bha na pìosan stèidhte air gluasad, cleachdadh sgilean dràma ùr agus na beachdan aca fhèin.

Thuirt Artair Donald, stiùiriche an dràma
“Chòrd an latha rium fhìn, bha sgilean agus comasan aig a h-uile duine agus mar sin tha e nas fhasa rudan a chur air dòigh. Dh’ionnsaich a’ chlann sgilean ùr le bhith ag obair le cach a’ chèile am measg tòrr fealla dhà.”

Thuirt Eddy Cabhin, Cultar is Spòrs Ghlaschu agus ball CL&DRG
“Bha an tachartas seo na dheagh eisimpleir de cho-obrachadh eadar CnaG, CLAD agus CSG. Chòrd an latha ris a’ chloinn gu lèir is leasaich iad na sgilean Gàidhlig aca taobh a-muigh na sgoile. Tha sinn airson a bhith an sàs ann am barrachd thachartasan mar seo san àm ri teachd.”

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach