Latha grianach aig Taigh Tasgaidh na Gàidhealtachd

30mh Ògmhìos 2009

Air Disathairne 27mh Ògmhìos chruinnich 16 clann & pàrantan à Drochaid a’ Bhanna, Baile Dhubhthaich & Inbhir Pheofharain còmhla aig Taigh Tasgaidh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Bha a chlann an làthair uile ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus chaidh an latha a chur air dòigh le CnaG gus cothrom a thoirt dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn taobh a muigh na sgoil, agus coinneachadh ri teaghlaichean à sgìrean eile.
’S e latha brèagha a bh’ ann agus fhuair sinn cothrom iomadach rud inntinneach fhaicinn leithid seann seòmar-sgoile, seann baile agus beathaichean air croit beag.