Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

21mh Faoilleach 2008

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG), buidheann leasachaidh na Gàidhlig, a’ cur an gnìomh iomairt ioma-thaobh ionadail gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a neartachadh ann an Ullapul. Tha an iomairt ag amas air fiosrachadh a thoirt do phàrantan ùra mu na cothroman co-cheangailte ri Gàidhlig ’s foghlam sa sgìre.

Mar phàirt den iomairt, bidh cothrom aig pàrantan sùil a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre bho chròileagan gu bun-sgoil. Tha CnaG cuideachd a’ stèidheachadh seirbheis fiosrachaidh le oifigearan a’ sgaoileadh bhileagan agus pàrantan aig a bheil eòlas pragtaigeach air foghlam Gàidhlig mar tosgairean ionadail.

’S e Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aon de na prìomh dhòighean air fileantachd sa Ghàidhlig a ruighinn agus a chumail. Tha seo gu sònraichte fìor mu chlann à teaghlaichean aig nach eil Gàidhlig. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fosgailte don a h-uile duine, feadhainn aig a bheil Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil agus tha taic ri fhaighinn aig gach ceum do phàrantan ùra.

Bho thòisich e ann an Ullapul, tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhol bho neart gu neart agus. Tha an Roinn Ghàidhlig stèidhichte aig Bun-sgoil Ullapul an dràsta le àireamhan-chloinne a’ sìor fhàs, buidheann phàrant ’s pàiste agus cuspairean air an teagasg tron chànan san Àrd-sgoil.

Faodaidh duine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dhol gu làrach-lìn Chomann nam Pàrant www.parant.org.uk agus tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn mun tadhal-sgoile bho ChnaG air 01463-234138.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach