30mh Sultain 2008

Air 2 Dàmhair ann an Taigh a’ Bhaile, Inbhir Nis, bithidh buidheann dheugairean le Gàidhlig a’ gabhail pàirt anns an Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Tha sgoilearan a’ tighinn bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla ri sgoilearan bhon Ghearasdan, an t-Òban, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Comar nan Allt, Inbhir Nis agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an deasbad fhèin, tha cuairt gu Taigh Tasgaidh Inbhir Nis a’ toirt a staigh cuairt coiseachd do dh’ Inbhir Nis agus Cuirm Catharra le aoigheachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

A rèir Risteard MacGabhann, Cathraiche Cholmcille, “ Tha Ri Chèile a’ toirt cothrom do dhaoine òga bho Alba agus bho Thuath agus Deas Èirinn coinneachadh agus deasbad ann an suidheachadh beòthail. Tha tòrr obair agus toileachas na lùib dha na daoine òga cho math ris an luchd-teagaisg. Tha e na phròiseact chudromach do Cholmcille, tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ gabhail pàirt ann agus tha sinn a’ cur meala-naidheachd air CnaG agus Gael-Linn agus na tha an sàs na shoirbheachadh leantainneach.”

Thuirt Sìne NicIlleathain bho Chomunn na Gàidhlig “Tha sinn gu math toilichte a bhith comasach an fharpais seo a chur air dòigh an compàirt le Gael Linn. Tha Ri Chèile cudromach ann a bhith a’ dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain”, agus mhìnich i "Chan e a-mhàin gu bheil na cuairtean seo a' toirt cothroman do dh'òigridh Ghàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a' gabhail pàirt anns an deasbad, a tha a’ gabhail a-staigh iomadach cuspair anns na naidheachdan, ach cuideachd tha e a' toirt cothrom dhaibh measgachadh le deugairean ann an suidheachadh mion-chànain coltach riutha fhèin.”

An lùib chuspairean na bliadhna seo, tha “Mar a tha boireannaich air an saoghal atharrachadh”, “ Prògraman Tbh Gàidhlig - math neo dona?”, “Fònaichean-làimh e”, agus “Pìobaireachd”.