An t-Samhain 2008

Bha bùithtean obrach a’ dol againn a-rithist aig a’ Mhòd am bliadhna anns An Eaglais Bhreac. Fhuair a’ chlann cothrom a bhith a’ dèanamh phupaidean agus rinn iad sgeulachdan dràma leotha às dèidh làimh. Abair gun robh iad èibhinn!

Chuala sinn òrain agus bàrdachd glè mhath bho fheadhainn a bha a’ dol a-steach chun na co-fharpaisean.

Thuirt Fay NicDhiarmaid, Manaidsear Phròiseactan Òigridh aig CnaG “Tha sinn toilichte gun robh sinn aig a’ Mhòd a-rithist is tha e math a bhith ag obair còmhla ri buidhnean eile. Tha e cudromach gum bi clann a faighinn cothroman fealla-dhà is spòrs ’sa Ghàidhlig.”

Bha sgioba ‘Dè a-nis?’ cuideachd san talla còmhla ri Fay is Coinneach bho ChnaG agus Dougie is Deirdre bho Fhèisean nan Gàidheal. Bha bailiùnaichean dathte is tiodhlacan eile aig a’ chlann agus chaidh dealbhan a thogail a’ dh’fhaodadh a bhith a’ nochdadh san animation ‘Cinn-craicte’ aca. Saoil cò bhios air an tbh....