22mh Sultain 2008

Tha Comunn na Gàidhlig air Iona Nic An t-Sagairt fhastadh bho chionn ghoirid mar Oifigear Fiosrachaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha an dreuchd ùr seo, a tha air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar (CNES), Bòrd na Gàidhlig (Am Bòrd) agus Comunn na Gàidhlig (CnaG), air a bhith stèidhichte gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig adhartachadh sna h-Eileanan Siar, comhairle a thoirt seachad, fiosrachadh a lorg do phàrantan, obrachadh còmhla ri buidhnean ionadail a tha an sàs ann am foghlam/leasachadh na Gàidhlig agus taic san fharsaingeachd a thoirt do phàrantan a tha air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (GME) a thaghadh airson an cuid chloinne. Togaidh seo air an obair a chaidh a dheanamh cheana tro Sgeama Tadhal Dhachaigh CNES/CnaG. Bidh Iona cuideachd ag obair gu math dlùth leis na buidhnean ionadail aig Comann nam Pàrant agus Comann nam Pàrant Nàiseanta.

Chuir Rosemary Nic a’ Bhàird, Àrd Oifigear an Gnìomh a’ Bhùird, fàilte gun deach an dreuchd seo a stèidheachadh, ag ràdh, “Feumaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (GME) a bhith air adhartachadh air feadh nan Eilean Siar ma thathar a’ dol a choileanadh nan targaidean fàis a thathar air a mhìneachadh sa Phlana Nàiseanta. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ miannachadh tuilleadh leudachaidh fhaicinn sna h-àireamhan de chloinn ann an GME agus feumaidh cothrom a bhith aig pàrantan fiosrachadh iomchaidh fhaighinn air na buannachdan a th’ ann a bhith dà-chànanach agus na cothroman obrach a bhios ann san àm ri teachd don cloinn far a bheil e riatanach Gàidhlig a bhith aca. Mar a bhios leudachadh a’ tighinn air àireamh nam Planaichean Gàidhlig a bhithear a’ cur an gnìomh, bidh àrdachadh a’ tighinn air an iarrtas airson daoine is buidhnean a bhith a’ tabhann raon de sheirbheisean sa Ghàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig an dòchas gun tèid gu math do dh’Iona san dreuchd ùr aice agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri i bhith ag obair gu dlùth còmhla ri sgioba foghlaim a’ Bhùird agus ar co-obraichean aig Comann nam Pàrant.”

Thuirt Catriona Dunn, Roinn an Fhoghlaim CNES, “Tha an co-obrachadh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Comunn na Gàidhlig ann a bhith ag adhartachadh GME air a bhith èifeachdach ann a bhith a’ toirt fiosrachadh fìor do phàrantan agus air dèanamh cinnteach gu bheil na h-àireamhan a tha air a bhith a’ dol gu GME air leudachadh san beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Leis gu bheil sinn dhan làn bheachd gu bheil clàradh airson GME na iuchair do shlighe foghlaim soirbheachail do sgoilearan, tha sinn airson faicinn barrachd sgoilearan a’ roghnachadh an t-solair seo agus tha sinn toilichte a bhith ag ainmeachadh an dreuchd ùir seo a chuireas ri bhith a’ coileanadh an amais a tha sin. Bidh Iona cuideachd a’ cur air adhart an com-pàirteachas le NHS nan Eilean Siar agus Comunn na Gàidhlig a chaidh a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig gus pacan Gàidhlig gu Leòr a thoirt do phàrantan ùra.

Thuirt Iona, “Tha triùir chloinne agam, a tha uile a’ dol tro GME an-dràsta. Tha an triùir air a thighinn tron t-siostam bho thòisich iad san Sgoil Àraich. ’S e neach-ionnsachaidh a th’ annam-sa ach tha an duine agam fileanta. Tha mi an dòchas, leis gu bheil mi fhèin air a dhol troimhe, gur dòcha gum bi pàrantan deònach ceistean a thogail rium mu GME agus bruidhinn mu rudan a tha a’ cur dragh orra.”

Thuirt Magaidh Wentworth, Oifigear Nàiseanta Chomann nam Pàrant, “Tha sinn a’ cur fàilte air an taic a bhios an dreuchd seo a’ tabhann do phàrantan air feadh nan Eilean Siar, a tha a’ beachdachadh air GME airson an cuid chloinne. Bidh e comasach do Iona comhairle is fiosrachadh ceart a thoirt do phàrantan a leigeas leotha a thighinn gu co-dhùnadh mu fhoghlam an cuid chloinne a bhios air a stèidheachadh air deagh fhiosrachadh.”

Ged a bhios i stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Iona ag obair air feadh nan Eilean Siar agus tha i an dòchas tadhal air na sgìrean eadar-dhealaichte gu math luath. Coinnichidh Iona ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an GME agus tha i an dùil fiosrachadh air GME a dhèanamh nas fhasa fhaighinn le bhith an làthair air Làithean Fosgailte, ag obrachadh còmhla ri na tha os cionn nan Cròileagain agus a bhith ag ullachadh agus a’ sgaoileadh pasganan fiosrachaidh. Bidh e comasach dhi tadhal air pàrantan nan dachaigh ma thèid sin a chuir air dòigh ro làimh.

Faodar fios a chuir gu Iona aig oifis ChnaG ann an Steòrnabhagh air 01851 701802 no air post-dealain Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.