5 Samhain 2008

Dè a th’ ann?

’S e Fèis dràma gun fharpais, airson dhealbh-cluiche nach eil nas fhaide na deich mionaidean a tha seo. Tha cothrom suas ri dusan dealbh-chluich ùr fhoillseachadh aig an Fhèis.

 

Cuine?

Eadar 9-14mh Mhàrt 2009 bidh tachartasan co-cheangailte ri dràma ann. Air Dihaoine 13mh agus Disathairne 14mh bidh na deilbh-chluiche air an àrd –ùrlar.

 

Dè na h-amasan a th’ aig MACH ANN AN DEICH?

Dhan fheadhainn a bhios na lùib:

  • A’ tàladh coimhearsnachd na dràma Gàidhlig bho air feadh Alba. A’ treòrachadh luchd-phroifeasanta, bhuidhnean coimhearsnachd agus cluicheadairean eile.
  • A’ misneachadh bhuidhnean beaga, sgrìobhadairean ùra, chleasaichean agus stiùirichean.
  • A’ neartachadh sgrìobhadh ann an cuspairean ùra.
  • A’ toirt taic-airgid do chom-pàirtichean airson an obair a chur air an stèidse
  • A’ tabhainn dòighean air fiosrachadh a sgaoileadh mun obair ùir

 

Dhan luchd-amhairc:

  • A’ stèidheachadh ìomhaigh làidir airson chluichean ionadail
  • A’ leudachadh tuigse air na h-Ealain Gàidhlig
  • A’ tàladh luchd-amhairc ùir le deilbh-chluiche ghoirid

 

 


Dè dh’fheumas mi dèanamh?

’S e glè bheag de riaghailtean a tha an lùib na Fèis seo, ach gu feum gach dealbh- chluich a bhith slàn, gu tur ùr, gun a bhith nas fhaide na deich mionaidean agus a’ nochdadh airson na ciad uair anns An Lanntair. Tha an t-uallach air luchd com-pàirt na deilbh-chluich a chur gu h-iomlan air an stèidse.

Feumaidh na sgriobtaichean a bhith aig an Lanntair ro 31st Dùbhlachd 2008.Gheibh na sgriobtaichean a thèid a thaghadh taic-airgid airson an cur air aig an Fhèis. Gheibh buidhnean a dh’fheumas siubhal chun an eilein, taic le cosgaisean. Cha ghabhar ach ri aon tagradh bho neach fa leth neo buidheann, ach faodaidh sibh barrachd air aon sgriobt a chur a-staigh, ma thogras sibh.

 

Barrachd fiosrachaidh bho Alex. NicDhòmhnaill, Oifigear Tachartais, An Lanntair 01851 703307 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.