23 Ògmhìos 2008

Chuir Comunn na Gàidhlig cùrsa fèin-leasachadh air dòigh dha sgoileirean bho àrd-sgoil Inbhir Pheofharain, Geàrrloch agus a’ Cananaich aig Outward Bound Loch Iall faisg air a’ Ghearasdan. Chaidh an cùrsa seo a chuir air dòigh eadar an 16mh-20mh den Ògmhìos agus bha dusan sgoileir a’ gabhail pàirt. Bha iad an sàs ann an cuir-seachadan mar, coiseachd a’ ghorge, sreap, abseiling, leum à parachute agus chuir iad seachad oidhche a’ campadh  cuideachd aig “Peathan Meadhanach”, àite breagha eadar Loch nan Uamh ’s Loch Ailleart. Chòrd an t-seachdain ris a h-uile duine.