Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

17mh Dàmhair 2008

An fheadhainn a bhuannaich

O chionn cola-deug thadhail buidheann de dheugairean Gàidhlig air Taigh a Bhaile, Inbhir Nis airson an Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn a Tuath agus Èirinn a Deas còmhla ri sgoilearan bhon Ghearasdan, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Steòrnabhagh, an t-Òban, Comar nan Allt agus Inbhir Nis. A bharrachd air an deasbad fhèin, thadhail iad air Taigh Tasgaidh Inbhir Nis, ghabh iad cuairt coiseachd anns a’ bhaile agus Cuirm Catharra le aoigheachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt Seumas Friseil bho Chomhairle na Gàidhealtachd "’S e fìor dheagh latha a bh’ ann le co-obrachadh thar-chrìochail agus thar-chànan. Bha e brosnachail daoine òga fhaicinn bhon Ghàidhealtachd agus Èirinn ag eadar-obrachrachadh anns na cànain aca fhèin. Bu toil leam gum bi an tachartas seo air a’ leudachadh agus a’ togail air na tha air a choileanadh mur-thà”

A rèir Angela NicDhòmhnaill bho Àrd-sgoil an Òbain “’S e turas air leth a bha seo le iomadach rud càilear na chois. Bha na h-òraidean inntinneach agus beothail. Fhuair sinn blasad math de chultar, eachdraidh agus na h-ealain agus deagh chraic. Tha sinn an dòchas a bhith air ais an ath bhliadhna!"

An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha “Mar a tha boireannaich air an saoghal atharrachadh”, “Prògraman Tbh Gàidhlig - math neo dona?”, “Fònaichean-làimhe”, agus “Pìobaireachd”.
’S e Seán Mac Sparráin, Cólaiste Chranncha, Dún na nGall a bhuannaich a’ phrìomh duais le Seona NicClintock, Àrd Sgoil Cnoc na Pàirce, Glaschu anns a’ chiad àite airson Alba agus Brónagh Nic Bhloscaigh Naomh Pàdraig, Dún Geimhinn, Co. Dhoire anns a’ chiad àite airson Èirinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach