9mh Ògmhios 2008

Air Disathairne 7mh Ògmhios, chaidh 13 clann agus dithis luchd-cuideachaidh bho Sradagan Ulapuil gu Geàrrloch airson cuairt. Choinnich iad le triùir chloinne bho Sradagan Gheàrrloch. Chaidh iad air cuairt air bàta agus chunnaic iad ròin agus eòin. Dh’ ionnsaich iad beagan mu dheidhinn creutairean mara ann an ionad fiosrachaidh aig a chidhe.
Às dèidh lòn, chaidh iad chur an tràigh ann an Geàrrloch agus bha deagh spòrs aca. Bha an t-sìde àlainn agus chòrd an latha ris a h-uile duine.
Taing do na fheadhainn a chuidich air an latha.
Gheibhear tuilleadh fios mu Gheàrrloch an seo: www.gairloch.co.uk