Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

’S e prìomh obair-ealain co-aimsireil a th’ anns An Leabhar Mhòr, Leabhar Mòr na Gàidhlig, ‘Leabhar Cheanannais’ na 21mh linne, a tha a’ cruinneachadh còmhla obair còrr air 200 neach bho na h-ealain lèirsinneach, bàird agus sgrìobhadairean-ealain à Alba is Èirinn.  An dèidh tlachd mhòr a thoirt dha luchd-amais air feadh an t-saoghail, ag adhartachadh is ag àrdachadh ìomhaigh eadar-nàiseanta na Gàidhlig tro thaisbeanaidhean is thachartasan co-cheangailte, tha an leabhar fhèin air a thighinn gu bhith na ulaidh chruinnneachaidh  agus tha barrachd fèill air a-nis na bha a-riamh.  Mar fhreagairt air an iarrtas seo tha Pròiseact nan Ealan – Buidheann Ealain na Gàidhlig – air leth toilichte gum bi an dara deasachadh den Leabhar Mhòr, ris an robhar cho togarrach a’ feitheamh, air a chur air bhog le Mike Russell BPA aig Urras Leabhraichean na h-Alba, Dùn Èideann air  29mh Lùnastal.

Tha An Leabhar Mòr air a dhol bho neart gu neart bho chaidh a chlò-bhualadh an toiseach ann an 2002. Tha taisbeanadh eadar-nàiseanta cuairteil de 100 obair-ealain bhon leabhar fhathast air an rathad 6 bliadhna an dèidh a’ chlò-bhualaidh. An dèidh chuairt shoirbheachail ann an Èirinn a chrìochnachadh ann an  2006 -2007 tha Taisbeanadh an Leabhair Mhòir air tlachd mhòr a thoirt dha luchd-amais air feadh Chanada o chionn ghoirid agus tha e an-dràsta a’ dèanamh a shlighe air cuairt fhada ann an Ameireaga a Tuath. Tha a’ chuairt a’ sealltainn nàdar sònraichte na pròiseict, a seasmhachd, agus a buaidh fad-ùine air luchd-amais air feadh an t-saoghail. Tha an taisbeanadh mar thràth air tadhal air còrr is 100 àite ann an 5 dùthchannan, agus air a bhith air fhaicinn le còrr is millean neach, a’ gabhail a-steach tadhail gu còrr air 100 sgoil.

Chì 29mh Lùnastal foillseachadh làrach-lìn ùr is bùth air-loidhne an Leabhair Mhòir, bhom faighear an leabhar agus bathar buntainneach. Tha an làrach-lìn aig www.leabharmor.net agus tha tòrr fiosrachaidh oirre mun leabhar agus lethbhric den bhàrdachd is den ìomhaigheachd a chaidh a chleachdadh.

A thuilleadh air an leabhar, làrach-lìn is an taisbeanadh, tha An Leabhar Mòr air aithriseachd TBh a ghineadh (Is Mise an Teanga), sreath de phrògraman rèidio bhon BhBC agus pasgan sgoile. Tha CD de cheòl, An Leabhar Mòr - Na-h-Òrain  air fhoillseachadh cuideachd le Mairead Stiùbhart, Art Carmac agus Iseabal NicAsgaill, agus feadhainn eile, a’ seinn air. Gheibhear na stuthan sin cuideachd bhon làraich-lìn.

Air 28mh Lùnastal, am feasgar ron fhoillseachadh, bidh Pròiseact nan Ealan a’ cumail cuirm le cruinneachadh de leughaidhean a tha fosgailte dhan mhòr-shluagh ann an Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Mar chomharrachadh air an Leabhar Mòr, bidh fèisteas an fheasgair a’ rannsachadh an leabhair is na tha na bhroinn ann am barrachd doimhneachd: ceanglaichean na h-eachdraidh Albannaich-Èireannaich; buaidh na h-eachdraidh sin; agus mar a ghabh buidheann de luchd-ealain is de bhàird an co-chultar seo gus an leabhar Gàidhlig as àlainne nar linn a dheasachadh. Tha an taisbeanadh ga aithris ann am Beurla agus ga rannadh sa Ghàidhlig – le eadar-theangachaidhean- le dithis de na sàr bhàird as inntinniche is as nàdarraiche air Ghàidhealtachd  – Louis de Paor agus Aonghas MacNeacail. A’ tòiseachadh aig 6f ann an Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, tha cuireadh aig gach neach, bho fileantaich gu daoine air ùr thòiseachadh ag ionnsachadh Gàidhlig, a thighinn a chluinntinn mu chultar, eachdraidh is litreachas na Gàidhlig. Tha tiogaidean a’ cosg £5 / £3 bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh rach gu www.leabharmor.net

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach