Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cumail dà cho-chomhairle air foghlam Gàidhlig sa Ghearasdan ’s Port Rìgh. Mar phàirt de na co-chomhairlean seo, tha CnaG a’ cuideachadh phàrantan ’s eile le bhith nochdadh beachd.

Bidh còig seachdainean aig a’ phoball gus beachdachadh air na pàipearan co-chomhairleachaidh, a tha rim faotainn bho Chomhairle na Gàidhealtachd ann am Port Rìgh agus sa Ghearasdan. Tha na roghainnean diofraichte san dà bhaile.

An Gearasdan: Sa Ghearasdan tha iad a’ beachdadh air diofar dhòighean airson foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart:

1. Bun-sgoil ùr fa-leth:

a. Ath-leasachadh air togalach nach eilear a’ cleachdadh a thaobh foghlam an dràsta

b. Sgoil ùr leatha fhèin air làrach ùr

c. Sgoil ùr air làrach le bun-sgoiltean eile ’s mar phàirt de bhun-sgoil ùr don Ghearasdan

2. Ath-leasachadh air sgoil stèidhichte mar sgoil Ghàidhlig

3. Suidheachadh mar tha e an dràsta le roinn Ghàidhlig

Port Rìgh: Tha an suidheachadh ann am Port Rìgh eadar-dhealaichte agus thathar a’ beachdachadh air Sgoil Ghàidhlig fa-leth a stèidheachadh. Tha a’ cho-chomhairle a’ tomhas ma tha taic ann airson an leasachaidh seo.

Tha CnaG gur brosnachadh pàirt a ghabhail san dà cho-chomhairle seo ’s gun leig sibh fios don Chomhairle le ur beachd.

Cumaidh a’ Chomhairle cuideachd coinneamhan poblach mun chùis. Bidh tè ann am Bun-Sgoil Phort Rìgh air 24mh den t-Sultain, agus tè eile air 25mh ann am Bun-Sgoil Chaitligeach a’ Ghearasdain, agus an dà choinneamh a’ tòiseachadh aig 7f.

Thèid na fhuaireas anns a’ cho-chomhairleachadh a chur mu choinneamh Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd air 13mh an t-Samhain.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach