7mh Samhain 2008

Tha na ceithir sgiobaidhean a fhuair troimhe chun an dà chuairt mu dheireadh de Dheasbad Nàiseanta BT Alba a’ cur nan sgilean deasbaid aca mu choinneimh an t-sluaigh ann an Ionad Sgeulachdan na h-Alba, Dùn Èideann air 19mh den mhìos seo. B' iad Sgoil Lìonacleit, Sgoil MhicNeacail, Àrdsgoil Phort Rìgh agus Acadamaidh Drochaid an Easbaig Nis na ceithir sgioban soirbheachail agus, anns na h-iar-chuairtean deireannach, coinnichidh Sgoil Lìonacleit ri Àrdsgoil Phort Rìgh agus coinnichidh Sgoil MhicNeacail ri Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig. Thèid an dà sgioba a bhuannaicheas air adhart chun na cuairt deireannaich a tha a' gabhail àite am bliadhna a-rithist ann am Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin an 20mh latha den mhìos. Thèid an Deasbad seo a chraoladh beò air Radio nan Gàidheal aig 7.00 feasgar. Tha BT Alba a-rithist nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna-sa le taic £15,000. Thuirt Brendan Dick, Stiùiriche, BT Alba: “ Tha BT Alba toilichte a bhith a’ cur taic aon uair eile ri Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Gàidhlig agus daoine òga a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn na cànain. ’S an latha a tha ann, tha barrachd is barrachd do dhaoine òga a’ tòiseachadh an cuid foghlaim gun na sgilean bunaiteach deagh chomas labhairt agus èisteachd. S ann airson sin a’ thòisich BT am Better World Campaign, le amas daoine a chuideachadh gus conaltradh a chleachdadh airson saoghal nas fheàrr a chruthachadh. Tha iomadach neach òg gun sgilean conaltraidh aca mu choinneimh an cuid amasan. Tha feadhainn eile aig am bheil teachdaireachd, ach chan èist duine riutha. Bhon a thug sinn ur obraichean iomairt uile còmhla fon bhratach Better World Campaign bho chionn bliadhna air ais, tha BT air ceuman mòra a dhèanamh ann a bhith a’ toirt piseach air beatha dhaoine òga tro chonaltradh. Gur math a thèid don fheadhainn anns na h-iar-chuairtean deireannach!”

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid: "Tha ìre nan deasbadan air a bhìdh sònraichte math am bliadhna agus thug na sgiobaidhean dùbhlain fìor dhuilich dha na britheamhan. Ma tha na chunnaic sinn na chomharra bu choir gum bidh dà dheagh oidhche againn ann an Dùn Èideann. Mar is àbhaist bidh Pàrlamaid na h-Alba na bhrosnachadh mòr dhan dà sgioba a gheibh àite anns a’ chuairt dheireannach. Tha sinn air leth taingeil do BT Alba airson an taic leantainneach don fharpais chliùiteach sa. Tha sinn cuideachd taingeil airson taic bho MG ALBA, BBC Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar."