Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

28mh Dàmhair 2008

Tha an Deasbad Nàiseanta do sgoiltean aig BT Alba a’ tilleadh don Lanntair, Steòrnabhagh, leis a’ chiad chuairt de dh’ fharpais 2008 a’ dol air adhart an sin air Diciadain agus Diardaoin 5mh agus 6mh den t-Samhain. Chumar na ciad chuairtean den fharpais san Lanntair roimhe bho chionn dà bhliadhna air ais. Airson a’ chiad uair bhon thòisich an fharpais tha 20 sgioba bho 16 sgoiltean ag amas air a’ phrìomh dhuais a bhuannachd. A-rithist, tha an fharpais air a mhaoineachadh le BT Alba le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar, MG ALBA, Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Craoladh nan Gàidheal.

Thuirt Cathraiche a’ Chomataidh Stiùiridh, Calum Iain MacLeòid: “Tha e iomchaidh gum biodh an fharpais a’ tilleadh do na h-Eileanan Siar oir se Sgoil Lionacleit a bhuannaich an uiridh, leis a’ phrìomh dhuais fa leth a’ dol gu Innes MacSuain bho sgioba Sgoil Mhic Neacail. Tha sinn fada an comain BT Alba aon uair eile airson an taic leantainneach don fharpais thaitnich seo. Tha a’ mhòr chuid de na h-Àrd Sgoiltean ann an Alba le sgoilearan Gàidhlig a’ nochdadh ùidh san Deasbad agus tha sinn air leth toilichte am bliadhna gu bheil, airson a’ chiad uair riamh, 20 sgioba a’ sàs san fharpais. Am bliadhna a-rithist sann am Pàrlamaid na h-Alba a thèid a’ chuairt dheireannach air adhart air Diardaoin 20 Samhain, leis air iar-chuairt dheireannach an oidhche roimhe sin aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba.”

Thuirt Brendan Dick, Stiùiriche BT Alba, “Tha BT Alba toilichte a bhith a’ cur taic aon uair eile ri Deasbad Nàiseanta Ghàidhlig nan Sgoiltean agus clann a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn a’ chànain. Tha BT air £10m a chur ris an iomairt aca “Better World” a tha air a dhealbh gus cinnt a dhèanamh gu faigh daoine òga ann am Breatann na sgilean agus na cothroman gus adhartachadh a thoirt air an comasan conaltraidh. Tha e mar amas againn cuideachadh a thoirt do dhaoine conaltradh a chleachdadh gus saoghal nas fheàrr a chruthachadh. Tha labhairt agus èisteachd, na prìomh sgilean conaltraidh, nas deatamaiche buileach anns an t-saoghal digiteach agus tha feum air cuideam às ùr a chur air a bhith a’ toirt nan sgilean sin gu ìre am measg dhaoine òga.”

Thuirt Agnes Rennie, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar, “Le bhith a’ gabhail pàirt ann an Deasbad Nàiseanta BT Alba, tha daoine òga a’ faighinn deagh chothrom an dà chuid an sgilean deasbaid a leasachadh agus cuideachd coinneachadh le daoine òga eile bho air feadh Alba. Se farpais nàiseanta dà rìreabh tha seo agus tha sinn air leth toilichte gur ann ’s na h-Eilean Siar, airson aon uair eile, a tha na cuairtean fosglaidh.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach