Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

22mh den Ghiblean 2008

Ri linn ’s cho soirbheachail ’s a bha an fharpais ball-coise “Cuach na Cloinne” an uiridh, tha CnaG ga chuir air bhonn am bliadhna a-rithist ach bidh atharraichean ann gus a dhèanamh nas fhasa do sgioban air feadh Alba com-pàirt a ghabhail ann.

Glaschu gorm le cuach na cloinne Chaidh farpais na bliadhna an uiridh, a bhuannaich sgioba bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a chumail air Pàirc a Bhucht ann an Inbhir Nis agus shiubhail na sgioban eile bho air feadh Alba gus pàirt a ghabhail ann air an latha.  Am bliadhna bidh 5 cuairtean roinneil san fharpais leis na sgioban a bhuannaich agus an fheadhainn san dàrna àite a’ dol air adhart don chuairt dheireannach a thèid a’ chumail ann an Inbhir Pheofharain air 13mh Ògmhìos 2008.  Cumar na cuairtean roinneil ann an Leòdhas, Uibhist, Am Ploc, Inbhir Nis agus anns an Òban. Tha tòrr ùidh air a bhith air a nochdadh san fharpais le 34 sgoiltean air an clàradh ’s na còig cuairtean roinneil.  Bhon a tha na cuairtean roinneil a’ dol air adhart air Disathairnean tha dòchas gun gabh teaghlaich ’s caraidean an cothrom taic a chuir riutha..  Thuirt Caroline Mhoireasdan, Oifigear Leasachaidh aig CnaG, “Am bliadhna rinn sinn co-dhùnadh rèiteach na farpais atharrachadh gus cothrom a thoirt do na b’ urrainn do sgoiltean agus do sgioban pàirt a ghabhail ann agus tha mi a’ smaoineachadh gun d’ fhuair sinn dearbhadh gun robh sinn ceart leis an àrdachadh ’s an àireamh sgoiltean is sgioban a tha air tighinn air adhart.  Tha sinn an dùil ri Farpais bhrosnachail shoirbheachail eile.” Tha Cuach na Cloinne fosgailte do sgoilearan air P4-7, a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e na dheagh chothrom dhaibh an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh-a-muigh na sgoile. Cleachdar na riaghailtean àbhaisteach airson sgioba-còignear ach thèid a h-uile gnothach co-cheangailte ris a’ dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Gu h-ìosal tha na cinn-là agus na h-àiteachan far am bidh na cuairtean roinneil. Àrd-sgoil a’ Phluic                                         26 Giblean 2008 Acadamaidh Chuilodair                                  17 Cèitean 2008 Ionad Spòrs Lionacleit                                    24 Cèitean 2008 Steòrnabhagh – Raon-cluich uil-aimsireil          31 Cèitean 2008 Àrd-sgoil an Òbain                                         7 Òg Mhìos 2008

Tha Cuach na Cloinne air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gaidhealtachd's nan Eilean agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fòn gu Calum Iain MacLeòid aig 01851 701802

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach