12 Dùbhlachd 2008

Fhuair na h-Eileanan Siar aithneachadh airson nua-thionnsgnadh aig Co-fharpais Beachd Gnothachais OGE 2008 a chaidh a chumail ann an Colaiste OGE Inbhir Nis o chionn ghoirid. Fhuair a’ chiad karaoke Gàidhlig DVD, a chaidh a dhèanamh is fhoillseachadh le Ionad Cànain Eadar-nàiseanta Moireach (Murray International Language Centre) (MILC) ann an com-pàirteachas le Pròiseact nan Ealan (PnE), an treas duais san roinn Most Innovative Idea airson daoine a tha thairis air 26.

Tha a’ cho-fharpais ag amas air duais a thoirt dha na beachdan gnothachais as làidire air Ghàidhealtachd, ’s sna h-Eileanan, ann an Siorrachd Pheairt is Mhoireibh agus bha còrr air 86 tagradh ann am-bliadhna, bho luchd-tionnsgain air ùr thòiseachadh a’ cur a-steach am beachdan gnothachais airson sgrùdadh. Tha e air a ruith ann an com-pàirteachas le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Urras Gnothachais Òigridh Albannach a’ Phrionnsa, Scottish Institute for Enterprise and Alchemy Plus. Am measg nan aoighean sònraichte aig a’ chuirm bha guru a’ ghnothachais ionadail, Peter Swanson, Àrd Oifigear Alchemy Plus agus Mark Strudwick, CEO, Urras Gnothachais Òigridh Albannach a’ Phrionnsa, agus fear a bha roimhe na Oifigear Coitcheann Chommandair ann an Arm na h-Alba. 

Bha Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais aig PnE, aig an agallamh pannail ann an stoidhle “Dragon’s Den” a bha na chiad phàirt de mhodh-co-dhùnaidh nam britheamh.  Thuirt i :  “Bha e dha-rìribh eagalach a bhith air beulaibh a’ phannail ach fhuair mi misneachd bhon chreideas a th’ agam gur e rud mìorbhaileach nua-thionnsgalach a th’ anns an DVD karaoke – Tha mi cho toilichte gun robh na britheamhan den aon bheachd! Bha uimhir de dh’inntrigidhean eile ann agus tha mi air leth toilichte gun tug Seinn thu Fhèin buaidh air a’ phannal. Smaoinich sinn mu dheidhinn na margaidh fhad ’s a bha sinn a’ dèanamh a’ bhathair agus tha mi a’ smaoineachadh gum faca iad a chomasachd mar inneal-ionnsachaidh eadar-dhealaichte ach cuideachd mar dhòigh fìor mhath airson fealla-dhà a dhèanamh còmhla ris an teaghlach gu lèir.”

Thàinig am beachd airson an DVD bho Gòrdan Moireach, Stiùiriche MiLC a tha, chan e a-mhàin na eòlaiche ann an teagasg Beurla mar chànan cèin, ach na neach-ionnsachaidh na Gàidhlig e fhèin. B’ ann à eòlas Ghòrdain ann an ionnsachadh is teagasg chànanan a thàinig a’ bheachd airson “Seinn thu fhèin”.  Mhìnich Gòrdan: "Nuair a bha mi a’ teagaisg ann am Malaysia, fhuair mi cuireadh fuireach còmhla ri teaghlach ann am Borneo thairis air fèis an fhoghair aca rin canar Gawai. ’S i an fhèis as cudromaiche a th’ aca far am bi teaghlaichean is caraidean a’ tighinn còmhla airson am foghar a chomharrachadh. Rè na fèise chuireadh an teaghlach DVD karaoke air nan cànan fhèin, Iban, agus bha tòrr spòrs aig na h-uile a’ seinn nam fonn sìmplidh sin aig àrd an claiginn, eadhon mi fhìn. B’ ann an uairsin a smaoinich mi Carson nach deigheadh sin a dhèanamh sa Ghàidhlig?" 

Thàinig Gòrdan an uairsin gu Pròiseact nan Ealan le a bheachd, agus còmhla riutha tha e air maoineachadh fhaighinn bho CnaG, MG Alba, agus bhon bhùth-ciùil, Ceòl.

Tha an DVD an-dràsta sna ìrean mu dheireadh den chlò-bhualadh agus thathas an dòchas gum bi e deiseil airson na Nollaige.  Cumaibh sùil airson “Seinn thu fhèin” ann an Steòrnabhagh, air làrach-lìn MiLC far am faighear air a cheannach air-loidhne aig www.milc-uk.co.uk. Ma tha sibh airson fiosrachadh fhaighinn mu adhartas an DVD cuiribh post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn..