Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

13mh Màrt 2008

Ceum ùr ann an leasachadh na Gàidhlig

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air leth toilichte fàilte a chur air an làrach-lìn ùr aig Highland Airways a chaidh fhoillseachadh an diugh ann an trì cànain.

Le eadar-theangachadh ’s stiùireadh bho ChnaG, tha Highland Airways air tòiseach companaidhean eile le dòigh-obrach ioma-chànanach. Airson a’ chiad turas, tha e comasach tursan a chur air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig air an eadar-lìon. A bharrachd, tha Highland Airways air a’ chorr den làrach fhoillseachadh ann an Gàidhlig. Seo fios-naidheachd bho Highland Airways:

Companaidh adhair a’ foillseachadh a’ chiad làrach-lìn le ullachadh airson luchd-siubhail ann an Gàidhlig, an Cuimris is ann am Beurla.

’S e Highland Airways, a tha stèidhte ann an Inbhir Nis, a’ chiad chompanaidh-adhair a th’ air làrach-lìn ùr trì chànanach a chur air bhog, a’ toirt cothrom dha luchd-siubhail Gàidhlig, Cuimreach is Sasannach tursan-adhair a ro-chlàradh air-loidhne nan cànanan fhèin.

Chaidh an làrach-lìn ùr, highlandairways.co.uk, anns an deach tasgadh de chòrr air £10,000 fhoillseachadh an-diugh (Dimàirt 13 Màrt 2008) le Basil O’Fee, an stiùiriche malairteach, ann an òraid dha luchd-naidheachd aig Port-adhair Chardaif.

“Tha sinn a’ toirt seirbheis dha cleachdaichean gnìomhachais is cur-seachad air iomallan Bhreatainn, far a bheil ar cànanan dùthchasach fhathast a’ soirbheachadh. Mar sin, bha eadar-theangachadh ar làraich-lìn gu Gàidhlig na h-Alba is Cuimris na cheum nàdarrach dhuinn.

“Sna sia mìosan mu dheireadh tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth ri Bòrd Cànan na Cuimrigh, agus Comunn na Gaidhlig, agus ri daoine dealasach eile, airson còrr air 40,000 facal air 100 duilleag eadar-dhealaichte, eadar-theangachadh.

“Tha fios againn gu bheil a h-uile neach a’ cur luach air gnothach a dhèanamh nan cànan màthaireil fhèin, agus tha sinn fìor thoilichte seo a thoirt dha ar luchd-cleachdaidh sa Chuimrigh agus ann an Alba. Chan urrainn gu bheil mòran ghnìomhachasan san aon shuidheachadh rinne, cho nochdte ris an iomall Cheiltich, agus ri na cinn-uidhe shònraichte àlainn a tha rim faighinn ann.”

Tha Highland Airways a’ tabhann seirbheisean làitheil tron t-seachdain eadar Inbhir Nis, Steòrnabhagh is Beinn na Fadhla agus eadar Cardaf is Anglesey. Thèid seirbheis ùr a chur air bhog a dh’aithghearr eadar an Òban, Colla, Colbhasa is Tiriodh.

’S e Dleastanasan Seirbheis Phoblach, a th’ anns na seirbheisean uile, a’ ciallachadh gu bheil iad aithnichte mar cheanglaichean-adhair deatamach a tha airidh air subsadaidh bhon t-Seanadh Chuimreach no Ùghdarrasan Ionadail buntainneach.

Na òraid bha Mgr O’Fee a’ coimhead air adhart ris a’ chiad chuimhneachan bliadhna de shlighe Cardaif-Anglesey na companaidh.

Bho thòisich Highland Airways a’ co-obrachadh le Port-adhair Chardaif, Comhairle Anglesey agus VisitWales airson an fhoillseachaidh sa Chèitean 2007 tha lànachd de chòrr air 80% air a bhith sna tursan-adhar, nì a tha fada nas fheàrr na bhathas a’ sùileachadh. 

“Cleachdaidh còrr air 14,000 neach-turais an t-slighe seo sa chiad bhliadhna làn, faisg air 5,000 a bharrachd air na bha sinn an dùil. Tha an t-seirbheis seo air cur gu mòr ri roghainnean siubhail sa Chuimrigh, a’ sealltainn cho cudromach ’s a dh’fhaodas adhair-sheòladh a bhith ann an leasachadh cheangalan.

“Mu thràth, tha cuid a’ smaoineachadh am bu chòir dhuinn àireamh ar tursan àrdachadh no plèanaichean nas motha a chleachdadh, agus ’s e deagh shuidheachadh a tha sin!

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach