10mh Dàmhair 2008

Air an t-seachdain tòiseachadh 22mh Sultain bha diofar thachartasan a’ dol ann am Baile Dhubhthaich, ann an Taobh Sear Rois. Air an Diluain, bha taisbeanadh ann do ghnìomhachasan, air a stiùireadh le Ruairidh MacIlleathain. Fhuair daoine fiosrachadh air mar a chleachdadh iad Gàidhlig bho latha gu latha.

Bha dà bhùth-obrach ann tron seachdain airson clann òg – dannsa agus ceòl le Sandra Robasdan agus seinn Gàidhlig le Christina Stewart.

Bha latha fosgailte ann aig an sgoil-àraich agus Ionad Gàidhlig aig a bhun-sgoil air an Diardaoin. Air an fheasgar Dihaoine, bha cèilidh Gàidhlig againn ann an talla Clash Mòr agus thàinig daoine bho Drochaid a Bhanna, Baile Dhubhthaich agus sgìrean eile airson seinn agus dannsa.