Tha barrachd chompanaidhean a’ cleachdadh na Gàidhlig airson ìomhaigh a’ ghnìomhachais aca a thogail. Tha sreath ùr de shoidhnichean dà-chànanach air a dhol suas le taic bho Chomunn na Gàidhlig (CnaG).

Tha Cùil na Sithe air soighne dà-chànanach a chur suas le taic-airgid bho ChnaG. Bha sinn uabhasach toilichte gu bheil an gnìomhachas seo a’ faicinn na Gàidhlig mar dhòigh-sanasachd ’s gun tog iad ìomhaigh a’ chompanaidh tron chànan.

Thug sinn taic cuideachd do bhuidheann eile ann an Loch Abair, Talla Drochaid Ruaidh, le brataich Gàidhlig a chaidh a chruthachadh don talla.

Tha na leasachaidhean seo cudromach aig ìre ionadail ’s Gàidhlig a’ faighinn barrachd prìomhachas mar dhòigh-conaltraidh. Bidh sinn a’ cumail a’ dol le taic do chompanaidhean ’s buidhnean air feagh na h-Alba le soighnichean dà-chànanach.

Faigh a-mach tuilleadh mu Ghàidhlig ’s gnìomhachas an seo