4mh Iuchar 2007

Tha barrachd chompanaidhean a’ cleachdadh na Gàidhlig airson ìomhaigh a’ ghnìomhachais aca a thogail. Tha sreath ùr de shoidhnichean dà-chànanach air a dhol suas le taic bho Chomunn na Gàidhlig (CnaG).

Tha companaidh clò-bhualaidh Nevisprint air soighnichean ùr a chleachdadh taobh a-muigh na factaraidh aca sa Ghearasdan. Bidh Nevisprint ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan ’s buidhnean Ghàidhlig ’s iad airson taic a chumail ris a’ chànan.

Chaidh Taigh-òsta an Uillt Ghiuthais a cheannach bho chionn ghoirid agus mar phàirt de leasachadh ùr tha iad air Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh air soighnichean. Tha a’ choimhearsnachd air fàilte a chur air an leasachadh seo agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh dhaibh san àm ri teachd.

Stèidhte air an Eilean Dubh, tha Bheataichean Eich Cheasaig air Gàidhlig a stèidheachadh mar phàirt den innleachd ghnìomhachais aca. Tha soighnichean dà-chànanach aca suas ’s duilleagan Ghàidhlig air an làrach-lìn.

Tha CnaG cuideachd a’ cur fàilte air JM Joinery a tha air a’ bhan aca a pheantadh gu dà-chànanach le aon taobh ann an Gàidhlig ’s taobh eile le Beurla.

Mu dheireadh, tha sinn air taic a thoirt do Detail Events, North West Outdoors agus Buth-bidh an Taobh Siar anns a’ Chaol a tha uile air Gàidhlig a chleachdadh mar phàirt den ghnìomhachas aca.