9mh Gearrain 2007

Manifesto Gàidhlig dha na Pàrtaidhean airson Taghaidhean Pàrlamaid Dhùn Èideann ’s a’ Chèitean 2007

  • Gabhail ri Poileasaidh Foghlam Gàidhlig cunbhalach airson gach ìre de dh’fhoghlam agus a’ gabhail a-staigh ìre Inbheach, le maoineachadh freagarrach airson am poileasaidh a chuir an cèill. Bu choir leithid de phoileasaidh a bhith a’ toirt a-staigh teagaisg eachdraidh na Gàidhlig mar chànan ’s mar chultur airson gach sgoil ann an Alba agus bu choir Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig bhi air a bhrosnachadh mar dhòigh èifeachdach airson foghlam da-chànanach.
  • Maoineachadh freagarrach airson molaidhean a’ Phlana Nàiseanta chuir an cèill.
  • Gabhail ri suidheachadh chudromach cultar na Gàidhlig agus na h-ealain Ghàidhlig ann an Achd Chulturachd an h-Alba.
  • Co-òrdanachadh èifeachdach leis an Riaghaltas airson molaidhean a’ Chùmhnant Eòrpach airson na Mion Chànanan, chuir an cèill.
  • Leasachaidhean ann an Craoladh Gàidhlig airson gu faigh gach neach ann an Alba seirbheisean cunbhalach rèidio agus programan telebhisean nuair a thig an t-seirbheis ur didsiotach.
  • Leudachadh le soidhnichean da-chànanach Gàidhlig/Beurla air na prìomh rathaidean dhan agus anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.
  • Taic airson foillseachadh pàipear Gàidhlig gach seachdain ann an Alba.