25mh Dàmhair 2007

Tha tòrr a bharrachd dealbhan air làrach Sradagan

Bha sinn toilichte uiread fhaicinn aig a’ Mhòd an t-seachdain sa chaidh sa Ghearasdan. Cha mhòr nach d’ thàinig 100 dha na bùthan-obrach againn is abair gu robh fealla-dhà is spòrs againn. Bha a’ chlann trang a’ dèanamh cairtean is aghaidhean-coimheach is abair gu robh iad tàlantach! Mar a chì sibh anns na dealbhan chòrd seo ris a’ chloinn is bha Fay, Louise, Calum Alex is Dougie air an cumail trang cuideachd. Fhad ’s a bha a’ chlann còmhla rinn fhuair sinn òrain is bàrdachd gu leòr cuideachd is bha tòrr le bràistean òir, airgead is umha aca as dèidh na co-fharpaisean aca.

Bu thoil le Fay taing mhòr shònraichte a thoirt do Dhaibhidh airson a’ chairt bhrèagha a rinn e air a son.

Ma chòrd na bùthan-obrach ribh am bliadhna nach innis sibh dha na caraidean agaibh. Tha sinn an dòchas gum faic sinn sibh aig a’ Mhòd an ath bhliadhna san Eaglais Bhreac.