Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


23mh Iuchar 2007

Tha leasachadh na Gàidhlig air ceum a ghabhail air adhart le foillseachadh Mapa Gàidhlig Inbhir Nis le Comunn na Gàidhlig. Airson a’ chiad turas, tha mapa ri fhaighinn mar dhòigh-stiùiridh timcheall baile mòr ann an Alba tro mheadhan na Gàidhlig. A bharrachd, tha am mapa ioma-chànanach seo ga fhoillseachadh le teacsa ann an cànain eile leithid Gearmailtais ’s Pòlais.

Mar phàirt den leasachadh seo, tha faidhlichean-fuaim ri fhaighinn air làrach-lìn far an cluinnear Gàidhlig air gach ainm-sràide. Thathar an dùil gum bi an goireas seo feumail do luchd-turais ’s daoine eòlach air Inbhir Nis air bharrachd air daoine aig a bheil ùidh ann an ainm-àite.

Le 50,000 mapaichean air an clò-bhualadh togaidh an leasachadh seo ìomhaigh na Gàidhlig air feadh sgìre Inbhir Nis an dà chuid le luchd-turais agus muinntir an àite.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh air ainmean-sràide Inbhir Nis a rèir prionnsabalan a chaidh a stèidheachadh le Ainmean-Àite na h-Alba agus thèid na h-ainmean seo a chleachdadh gu h-oifigeil air soighnichean a’ bhaile.

Thèid am mapa a sgaoileadh gu taighean-òsta, bùthan ’s goireasan poblach. Cuideachd, bidh Tosgairean Inbhir Nis ga sgaoileadh ann am meadhan a’ bhaile agus Comunn na Gàidhlig ga thoirt seachad aig tachartasan Inbhir Nis.

Fhuair am pròiseact seo taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Gheibhear leth-bhreacan den mhapa bho Chomunn na Gàidhlig: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. 01463-234138

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach