9mh Màirt 2007

FREAGAIRT BHO CHOMUNN NA GÀIDHLIG AIR A’ PHÀIPEAR CHONALTRAIDH

  • Am bheil thu ag aontachadh leis na h-adhbharan a tha air an toirt seachad airson adhartachadh agus ionnsachadh cànain air duilleagan 4 agus 5, agus gur iad na prìomh adhbharan a bu chòir taic a chuir ri ro-innleachdan cànain an-dràsta ann an Alba. Mur eil, carson?

Tha sinn ag aontachadh leis na h-adhbharan a tha air duilleagan 4 agus 5 agus gu h-àraidh na briathran mu ghealltanas an Riaghaltais ann a bhith a dìon agus a’ brosnachadh na Gàidhlig agus an cànan Albais le iad bhi a’ faighinn mothachadh mar phàirt chudromach de chultair agus de dhearbh-aithne na dùthcha. Tha teagamh againn, ge-tà, mun dòigh anns a bheil an ro-innleachd gu bhith ga chuir an gnìomh oir thathas ga mholadh mar “stiùireadh do luchd-poileasaidh” an àite a bhith na stèidh làidir daingeann a comharrachadh maoineachadh, targaidean agus toradh dha na h-ùghdarrasan ionadail, na buidhnean poblach iomchaidh, agus Roinnean den Riaghaltas. Tha sin de bheachd gu bheil uireasbhaidhean a thaobh modhan-obrachaidh agus dòigh lìbhrigidh air na tha air a dhealbh anns a’ Phàipear Chonaltraidh gus ro-innleachd cànain èifeachdach bhrìgheil a chuir air bhonn airson Cànain Alba. 

  • Am bheil thu ag aontachadh gu bheil na ro-innleachdan cànain mar a tha iad air am mìneachadh air duilleagan 6-12 agus an àitean eile mar phrìomh roinnean airson inbhe cànain àrdachadh ann an Alba? Mur eil, carson?

Bu choir a h-uile Ro-innleachd Riaghaltais a bhith a’ cuir cuideam air a’ cheangal eadar cho cudromach ’s a tha e cànan ionnsachadh agus cothroman eaconamaiceach a mheudachadh agus bu chòir seo a bhiodh dearbhte anns a h-uile Ro-innleachd 's Poileasaidhean Roinneil , chan ann a-mhàin anns na cuspairean a tha a’ bualadh air Foghlam, Ionnsachadh Cànan, Cultar agus ceistean Gàidhlig. Bu chòir an Clàr Teagaisg airson Sàr-mhaitheas a bhith a’ gabhail a-staigh gealltanas gum bi cothrom foghlam Gàidhlig fhaighinn aig gach ìre ( 3-18) ann an Alba agus mothachadh ann don chànan Albais agus cothrom cànain Eòrpach eile ionnsachadh.

  • Am bheil thu ag aontachadh gum bu chòir na prìomh phrionnsabalan air an liosta air duilleagan 14 agus 15 cruth a chuir air obair cànain ann an Alba? Mur eil, carson?

Ged a tha sinn ag aontachadh leis na prìomh phrionnsabalan gu lèir air duilleagan 14 agus 15 mar dhòigh cruth a thoirt air obair cànain ann an Alba, tha dragh oirnn gum biodh e air fhaicinn mar innleachd “mean air mhean” agus chan eil mòran dòchas gum biodh buaidh sam bith aige air libhrigeadh ionnsachadh cànain oir tha feum air daingneachadh gu sònraichte gus goireasan riatanach a shònrachadh a bhiodh a’ cur taic ri buidhnean leithid na h-ùghdarrasan ionadail a bhiodh ga chuir an sàs. Tha an ro-innleachd seo a’ cumail gu mòr ri bhith “a’brosnachadh bhuidhnean” an àite a bhith toirt cumhachd dhaibh gus iarrtasan nam pàrant ’s nan sgoilear a choileanadh. Mar eisimpleir, tha e againn airson a' dhearbhadh mar a thachair do phàrantan ann an iomadach sgìre de dh’ Alba far an robh iad a’ sireadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach nach d’ fhuair seirbheis oir cha b’ urrainn na h-ùghdarrasan ionadail na goireasan riatanach a thabhann le cionn maoineachadh. Tha sinn a’ toirt fainear an abairt air duilleag 15 ag ràdh “brosnachaidh an Riaghaltas na h-ùghdarrasan gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh agus gus inbhe na Gàidhlig àrdachadh ann am beatha làitheil a’ phobaill…” Feumar an abairt seo a chuir an co-ionad ris mar a tha a’ tachairt do phàrantan ann an iomadach àite far, a dh' ainheòin brosnachadh bhon Riaghaltas gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh, chan eil e idir comasach dad a thabhann ach seirbheis a chaidh a mheas mar “lom le Comataidh Eòlaichean air a’ Chùmhnant bho Chomhairle na h-Eòrpa. Thuilleadh air seo, tha na beachdan seo a tha an Ro-innleachd a’ cuir air adhart eadar-dhealaichte bho na dleastanasan riatanas reachdail a tha air buidhnean poblach ann an Alba a bhith ag ullachadh Planaichean Cànain Gàidhlig, an dèidh cuiridh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig a rèir cumhachdan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

  • Am bheil beachd sam bith eile a bu mhath leat a thogail mu choinneimh àrdachadh inbhe cànain ann an Alba?

Bu chòir Gàidhlig a bhith air a thabhann mar phàirt de churraicealam an fhoghlaim anns a h-uile bun-sgoil ann an Alba agus an uairsin anns na h-àrd-sgoiltean agus do dh’ foghlam aig àrd-ìre. Tha sinn a moladh seo a dhèanamh le a bhith ag ullachadh “Cùmhnant Cànain” do gach pàiste ann an Alba far am bheil gealltanas ga thoirt do gach neach gu faigh iad cothrom cànan a roghnaicheas iad ionnsachadh a bharrachd air an cainnt màthaireil. Feumaidh seo a bhith air a ghabhail a-staigh mar phàirt de ghealltanas dhaingeann an Riaghaltais gus goireasan 's maoineachadh aig ìre riatanach a thoirt do na h-ùghdarrasan gus dèanamh cinnteach gun gabh barrachd sgoilearan, oileanaich agus inbhich an cothrom cànain Alba ionnsachadh.

Tha coltas gum bheil beagan teagamh anns a’ Phàipeir Chonaltraidh eadar na molaidhean ri Gàidhlig agus na molaidhean air Albais. Ged a tha an dà chànan air am meas mar "chànain airidh air dìon", tha an stiùireadh mu choinneimh Albais nas laige na tha mu choinneimh Gàidhlig. Feumaidh taic a chur ris an ro-innleachd le fiosrachadh làidir soilleir stèidhichte air rannsachadh mionaideach de thuigse dhaoine, am beachdan agus am feumalachdan airson Gàidhlig mar chuideachadh le co-dhùnaidhean agus le bhith dealbh phoileasaidhean cànain. Dh’ fheumadh taic a chuir ris an fhiosrachadh seo le bhith a’ cur ceist mu chànan anns a h-uile sgrùdadh sòisealta bho seo a-mach agus ceistean mionaideach mu chànan gan togail anns gach Chunntas Sluaigh.

  • Ma tha thu a’ freagairt as leth buidheann, ciamar a tha thu a’ smaoineachadh a b’ urrainn dhut cuir ri soirbheachaidh na ro-innleachd?

Mar a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig bhiodh Comunn na Gàidhlig toilichte dleastanas com-pàirt a ghabhail ann a bhith ag adhartachadh agus a'brosnachadh Ro-Innleachd làidir soilleira bha air a mhaoineachadh gu ìreiomchaidh, le amas a bhith a’ dìon agus ag àrdachadh inbhe Gàidhlig ann an Alba mar phàirt de ro-innleachd èifeachdachd bhon Riaghaltas a bhith a’ stiùireadh (an comas ri treòrachadh) leasachadh cànain ann an Alba.

Cuideachd, bhitheamaid deònach com-pàirt a ghabhail ann a bhith a’ measadh adhartas a tha ga dhèanamh le bhith a’ cuir an gnìomh Cùmhnant nam MionChànan Eòrpach airson leasachaidhean na Gàidhlig.