Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

12mh Dàmhair 2007
Farpasaich agus luchd-obrach

Thadhail buidheann de dheugairean Gàidhlig air Ráth Cairn, Co. Meath ann an Èirinn a Deas o chionn ghoirid mar phàirt den fharpais deasbaid eadar-nàiseanta Ghàidhlig ‘Ri Chèile’ a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla cuide ri sgoilearan bhon Ghearasdan, Drochaid an Easbaig, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an deasbad fhèin, bha cuairt ann gu Caisteil Trim ann am Meath, tom adhlacaidh (burial mound) Brú na Boinne agus cuairt gu Pàrlamaid na h-Èirinn far an do thachair iad ri Chris Andrews, TD, Taobh earra-dheas Baile Àth Cliath.

Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard Chomuinn na Gàidhlig: “Tha sinn cianail toilichte a bhith comasach an fharpais seo a chur air dòigh an compàirt le Gael Linn. Tha buannachdan ann dhan chloinn ann an iomadh dòigh, chan ann a-mhàin le bhith a leasachadh sgilean deasbaid ach cuideachd le bhith a’ toirt dhaibh an cothrom coinneachadh ri clann bho Eirinn gus ceanglaichean cultarach a dhèanamh. Bha sinn cianail toilichte cuideachd cho math ‘s a rinn a’ chloinn bho Alba am bliadhna agus tha sinn an dòchas gun cùm an t-adhartas sin a’ dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha “tha gaol againn air Tesco”, “tha barrachd cunnart san eadar-lìon na tha ann de dh’ fheum”, “goireasan airson neach ciorramach”, agus ”Boireannaich ann an Èirinn ”.

’S i Brídín Ní Sheighin, Coláiste Mhichíl, An Lorgain, a bhuannaich a’ phrìomh duais, le Alasdair MacLeòid, Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich anns a’ chiad àite airson Alba agus Clíona de Bhailís, Scoil Chuim. Chiaráin, An Cheathrú Rua, a’ tighinn anns a’ chiad àite airson Èirinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach