Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

9mh Iuchar 2007

Choinnich 51 neach cloinne aois 9-12 aig am bheil Gàidhlig agus a tha a’ frithealadh buidhnean Sradagan ann am Port Rìgh an t-seachdain seo chaidh airson an campa samhraidh bhliadhnail.

Chuir iad seachad seachdain làn spòrs a’ snàmh, agus a’ dol air chuairtean gu Ionad Spòrs Ratharsaidh, chun Bhata Teasairginn, An Tuireann, Seaprobe Atlantis, ionad Butec sa Chaol agus Sabhal Mòr Ostaig agus cuideachd a’ gabhail pàirt ann am farpais-cheist, cèilidh agus disco. Bha a’ chlann a’ fuireach aig ostailean Àrd-sgoil Phort Rìgh far an d’ fhuair iad aoigheachd agus coibhneas bhon luchd-obrach.

Thuirt Fay NicDhiarmaid, Manaidsear Phròiseactan Òigridh aig Comunn na Gàidhlig a chuir a’ chùis air dòigh, “Bha seachdain air leth againn agus bu mhath dhomh taing a thoirt don a h-uile duine a chuidich le bhith ga dhèanamh cho soirbheachail. Se deagh bhuidheann cloinne a bha annta, choinnich iad ri caraidean ùra, chòrd an t-seachdain riutha agus bha iad a’ bruidhinn Gàidhlig – tha seo a’ toirt dearbhadh dhaibh gu bheil fealla-dhà ri fhaotainn le Gàidhlig ’s nach e cànan ri chleachdadh a-mhàin sa sgoil a tha ann. Am bliadhna bha liosta againn do dhaoine a’ feitheamh airson àite fhaighinn aig a’ champa, tha sin a’ sealltainn cho math ’s a chòrd e ris a’ chloinn. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do na prìomh bhuidhnean maoineachaidh, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd, airson an taic leantainneach.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach