26mh Ògmhios 2007

Air Disathairne 16 Òg Mhìos bha madainn spòrs tro mheadhan na Gàidhlig ann an Ionad Spòrs Inbhir Pheofharain. Bha clann an làthair  à Ionadan Gàidhlig ann an Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich agus Drochaid a Bhanna. Rinn iad geamannan dràma,  diofar spòrs le parachute agus rinn feadhainn iomain. Chòrd a’ mhadainn ris a h- uile duine a bh’ ann.