Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig air dà chùrsa fèin-leasachaidh a ruith aig Outward Bound Loch Iall faisg air a’ Ghearsdan. Thairis air dà sheachdain, ghabh sgoilearan Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus Àrd-sgoil Greenfaulds à Comar nan Allt pàirt ann an tòrr ghìomharan tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha na cùrsaichean seo air an ruith tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre ’s tha cothroman aig sgoilearan a bhith ag ionnsachadh sgilean ùra tron chànan. Tha feallsanachd nan cùrsaichean seo a’ toirt dùbhlan do chompairtichean ann an suidheachadh sàbhailte ach far a bheil cothrom-ionnsachaidh ri fhaighinn.

Airson na cuairt-beinne, chaidh sgioba Acadamaidh Inbhir Pheofharain gu Peathan Meadhanach, àite brèagha eadar Loch nan Uamh ’s Loch Ailleart, far an robh bothan ’s àite campachaidh. Às dèidh cèilidh thradaiseanta làn sgeulachdan ’s fealla-dhà chadail a h-uile duine gu math ’s iad deiseil airson coiseachd air ais an ath latha.

Bha sgoilearan Àrd-sgoil Greenfaulds a’ dèanamh air Gleann Sùileag le dà dhòigh-siubhail: bàta ’s coiseachd. A-rithist bha deagh oidhche againn a’ campachadh a-muigh ann an teantaichean ’s an ath latha bha sinn fortanach le beagan gaoithe a’ cumail nam meanbh-chuilleig air falbh!

Tha an iomairt seo a’ togail misneachd le sgoilearan a’ bruidhinn Gàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil ’s taobh a-muigh na sgoile.

Tha dùil ri dà chùrsa eile fhathast ann an 2007.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt seo leig fios do Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach