Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

16mh Iuchar 2007

A’ leantainn air cho soirbheachail ’s a bha a’ phròiseact ‘Gàidhlig air a’ Bhàta’ san dà bhliadhna a chaidh seachad, tha Comunn na Gàidhlig ga ruith am bliadhna a-rithist. Tron phròiseact seo, bheir CnaG, ann an co-bhonn le Caledonian Mac a’ Bhruthainn, fiosrachadh air Gàidhlig ’s cultar dha luchd-siubhail air bàtaichean-aisig ChalMac. Thathas an dòchas a’ phròiseact inntinneach seo a ruith air na trì bàtaichean ‘Eilean Leòdhais’, ‘Innse Gall’, ‘Tighearna nan Eilean’ agus am ‘Fear-cinnidh’.

Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, “Tha CnaG air leth toilichte gu bheil sinn a’ cur a’ phròiseait seo air adhart am bliadhna a-rithist. Bha na seiseanan fiosrachaidh air an deagh fhrithealadh an dà bhliadhna a chaidh seachad le daoine bho air feadh an t-saoghail agus tha sinn cinnteach gun soirbhich leotha am bliadhna cuideachd. Tha na seiseanan a’ tòiseachadh 19mh Iuchair agus gun lean iad orra thairis air mìosan an t-samhraidh. ’S e prìomh amas nan seisean blasad den Ghàidhlig a thoirt dha na daoine a tha gam frithealadh gus am bi fiosrachadh aca ro làimh air na chì iad agus na chluinneas iad fhad ’s a bhios iad anns na h-eileanan.  Tha sinn cuideachd an dòchas gum brosnaich iad daoine gus oidhirp a dhèanamh air a’ chànan ionnsachadh.”

 

Bheir na seiseanan cothrom dhan luchd-èisteachd fiosrachadh fhaighinn air mar a bha an cànan anns na linntean a chaidh seachad agus mar a tha i an-diugh. A bharrachd air seo gheibh iad an cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh agus gheibh iad fiosrachadh air na tachartasan chultarail a ghabhas àite anns na h-eileanan tron t-samhradh. Thèid gach seisean a thoirt gu ceann le seinn no ceòl Gàidhlig bhon oifigear agus gheibh daoine cothrom ceistean sam bith a th’ aca mun Ghàidhlig a chur air an neach.

Thuirt Ùisdean MacIllinnein, fear-labhairt Chalmac, “Tha sinne air leth toilichte gun tèid againn air a’ chothrom a thoirt dha Comunn na Gàidhlig an sgeama seo a chur air adhart a-rithist. Shoirbhich le na seiseanan gu mòr an dà bhliadhna a chaidh seachad agus tha mi làn-chinnteach gun d’ fhuair an luchd-siubhail a bha an làthair buannachd mhòr asta. Tha pròiseact mar seo a’ cur ris an t-seirbheis a tha sinn a’ toirt seachad don luchd-siubhail againn gu mòr agus tha sinn an dòchas gun tèid a leudachadh anns na bliadhnaichean ri teachd.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh air a’ phròiseact seo, cuiribh fòn gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn., Comunn na Gàidhlig, air 01463 234138.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach