Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

1mh Samhain 2007

Tha an deicheamh Deasbad BT Alba a’ gabhail àite am bliadhna air Dimàirt 6mh agus Diciadain 7mh Samhain ann an Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a dh’fhosgail bho chionn ghoirid. Tha sia buidhnean deug bho Àrd Sgoiltean air feadh Alba a’ gabhail pàirt agus tha BT Alba a’ toirt maoineachadh luach £15,000 don fharpais airson an naoidheamh bliadhna.

Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Cathraiche a’ Chomataidh Stiùiridh:

"Tha e air leth iomchaidh gu bheil sinn a’ tighinn gu Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis airson na cuairt tòiseachaidh oir ’s ann bho Chomhairle na Gàidhealtachd a bha an feadhainn a bhuannaich an-uiridh – Acadamaidh Inbhir Pheofharain. A-rithist, tha sinn gu mòr an comain BT Alba airson an cuid taic leantainneach don tachartas thaitneach seo. Tha a’ mhòr chuid de na h-Àrd Sgoiltean ann an Alba le sgoilearan aig a bheil Gàidhlig a’ nochdadh ùidh anns an Deasbad agus am bliadhna airson a’ chiad uair tha sinn a’ cur fàilte air Sgoiltean Loch Abair agus Àird nam Murchan. Am bliadhna a-rithist thèid a’ Chuairt Dheireannach a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 29 Samhain, an dèidh don iar-chuairt dheireannach a dhol air adhart an oidhche roimhe sin aig an Ionad Cho-labhairt aig Seòmraichean Comhairle Bhaile Dhùn Èideann."

Thuirt Brendan Dick, Stiùiriche BT Alba, "Tha BT Alba toilichte a bhith a’ cur taic aon uair eile ri Deasbad Nàiseanta Ghàidhlig nan Sgoiltean agus clann a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn a’ chànain.
Tha BT air £10m a chur ris an iomairt aca "Better World" a tha air a dhealbh gus cinnt a dhèanamh gu faigh daoine òga ann am Breatann na sgilean agus na cothroman gus adhartachadh a thoirt air an comasan conaltraidh. Tha e mar amas againn cuideachadh a thoirt do dhaoine conaltradh a chleachdadh gus saoghal nas fheàrr a chruthachadh. Tha labhairt agus èisteachd, na prìomh sgilean conaltraidh, nas deatamaiche buileach anns an t-saoghal digiteach agus tha feum air cuideam às ùr a chur air a bhith a’ toirt nan sgilean sin gu ìre am measg dhaoine òga."

Tha an Comhairliche Seumas Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte gu bheil na cuairtean tòiseachaidh a’ gabhail àite ann an Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Thuirt e "Tha deasbad na sgil cudromach a dh’fhaodar a chleachdadh fad beatha ann an iomadh modh agus tha an fharpais seo na dheagh dhòigh gu bhith a brosnachadh daoine òga sgilean ionnsachadh agus an comasan a thoirt gu ìre. ’S e Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ chiad sgoil a thogadh gu sònraichte gu bhith na sgoil Ghàidhlig agus ged nach fhada bho chaidh a fosgladh tha i mar tha na prìomh àite airson ionnsachadh Gàidhlig ann an sgìre Inbhir Nis".

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach