Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

9mh Faoilleach 2007

Feumadh ceistean air Gàidhlig a bhi anns a’ Chunntais Sluaigh 2011 airson Breatainn air fad. Seo a’ moladh làidir a tha air tighinn bho ChnaG anns am freagairt a chaidh gu Oifis nan Àireamhan Nàiseanta mar phàirt den cho-luadair aca air a’ Chunntais Sluaigh 2011.

Tha an Oifis a’ sireadh bheachdan bho bhuidhnean air de an seòrsa fiosrachadh a bhiodh iad a sùileachadh bhon Chunntais Sluaigh 2011. Tha CnaG air ag ràdh gu feum na h-aon cheistean a thogail airson Gàidhlig ’s a tha ann airson Cuimris. “Tha e fìor chudromach gun gabh an Riaghaltas an cothrom seo, dearbhadh fhaighinn air an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha air feadh Bhreatainn”, thuirt Dòmhnall Màrtainn Ceannard ChnaG.

“An dràsta, ged a tha àireamhan againn bhon Chunntais Sluaigh ann an Alba chan eil dòigh ann air am faighear a-mach de an àireamh a tha ann an àitichean eile den Rìoghachd. Tha e comasach dhaibh na h-àireamhan le Cuimris a’ dhearbhadh le na ceistean ùra a tha gu bhi aca airson àitichean a bharrachd air a Chuimrigh agus cha bu choir dhuinn a bhi an urra ri tomhaisean ’s tuairmsean airson na h-àireamhan airson Gàidhlig. Tha e deatamach gu faigh an Riaghaltas am fiosrachadh seo a tha cho feumail airson innleachd a dhealbh, maoin a chomharrachadh airson obair leasachaidh na Gàidhlig agus gus an gabh measadh ceart a dhèanamh air an dòigh anns am bheil an Riaghaltas a coilionadh Cumhnant Eòrpa airson na Mion Chànanan.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach