Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

26mh Giblean 2007

Tha mu thimcheall 250 neach-cloinne bho air feadh Alba a’ tighinn do phrìomh bhaile na dùthcha an t-seachdain seo a fhrithealadh an ceathramh seachdain Ghàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig ann an co-bhonn le Comann nam Pàrant. Am-bliadhna tha an tachartas a’ gabhail a-steach tursan aig An Lios Luibheach Rìoghail, Pàirc an Roid, Caisteal Dhùn Èideann agus Our Dynamic Earth.

Bidh sgoilearan à àiteachan cho fad air falbh ri Leòdhas, na Hearadh, Loch Abar agus Muile a’ faighinn buannachd às an sgeama ùr-ghnàthaichte seo a tha a’ toirt Gàidhlig a-mach às a’ chlas le na diofar shuidheachaidhean ùra seo.

A rèir Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant aig Comunn na Gàidhlig:

“Tha cuairtean foghlaim uabhasach cudromach ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain agus am faireachdainn a tha aig a’ chlann a thaobh na Gàidhlig agus tha seo na chothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh tro chur-seachadan neo-àbhaisteach a tha tlachdmhor agus a tha air falbh bhon sgoil.”

Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird a tha na Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig:

“Tha an tachartas bhliadhnail seo a’ toirt fìor dheagh chothruim do chloinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig bho air feadh Alba tighinn còmhla sa bhaile mhòr agus tlachd fhaighinn às an turas foghlam gu Dùn Èideann. Aig a’ cheart àm tha iad a’ cur eòlas air càch a chèile agus a’ dèanamh caraidean ùra agus a’ cur a’ chànain gu feum ann an suidheachadh is àrainneachd dòigheil.”

Magaidh Wentworth
Comann nam Pàrant Nàiseanta
Fòn: 07708398649
Post-d: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach