Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

8mh Samhain 2007

Tha Comann nam Pàrant air leabhran ùr fhoillseachadh do phàrantan le fiosrachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre eadar foghlam ro-sgoile gu cothroman às dèidh na sgoile.

Tha an leabhran ùr ‘Fios is Freagairt’ grinn, tarraingeach agus a’ freagairt cheistean a dh’fhaodadh a bhith aig pàrantan mu fhoghlam Gàidhlig agus na cothroman a bhios seo a’ fuasgladh do chlann às dèidh na sgoile fhàgail.

Thuirt Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant:

“Tha sinn uabhasach toilichte an leabhran ùr seo fhoillseachadh. Chaidh a’ chiad ‘Fios is Freagairt’ a sgrìobhadh ann an 1997 agus tha piseach mhòr air tighinn air foghlam Gàidhlig bhon uairsin.

“Tha sinn a-nis ag obair air leabhar eile anns an t-sreath seo a bheir barrachd fiosrachaidh do phàrantan air cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh agus an taic a tha ri faighinn taobh a-muigh na sgoile.”

Fhuair Comann nam Pàrant taic bho Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ sgrìobhadh an leabhrain agus thuirt Rosemary Nic a’ Bhàrd, Stiùiriche Foghlaim aig a’ Bhòrd:

“Tha e riatanach gum faigh pàrantan am fiosrachadh ceart mu fhoghlam Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith fìor thoilichte Comunn nam Pàrant a chuideachadh leis an leabhran seo fhoillseachadh. Ma tha sinn ag iarraidh gum fàs a’ chànan agus an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig tha e uabhasach cudromach gum bi barrachd clann a’ dol tro fhoghlam Gàidhlig.

“Bidh Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant ag obair còmhla anns na bliadhnaichean ri thighinn gus aire phàrantan a thogail do na cothroman a tha rim faotainn le foghlam.”

Tha an leabhran ri fhaighinn an seo ann an cruth PDF no an seo air pàipear.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach