Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


3mh Lùnastal 2007

An t-seachdain-sa choinnich clann a Sradagan an Òbain ri clann as a’ Chuimrigh. Thàinig iad còmhla as dèidh do Choinneach Combe, oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, a bhith a’ bruidhinn air-loidhne ri fear de na h-oifigearan aig Urdd, am buidheann airson òigridh sa Chuimrigh. Chuir CnaG an turas air dòigh agus abair gun robh spòrs aca uile.

A bharrachd air cuir-seachadan mar iomain, karting agus sreap bha barbeque aca air Tràigh Lì is cèilidh air an oidhche mu dheireadh. ’S e turas mìorbhaileach a bh’ann agus dh’ionnsaich gach buidheann tòrr mu dheidhinn cultar is cànan càch a chèile.

Rinn na pàrantan is luchd saor-thoileach eile san Òban tòrr obair airson an tachartas seo agus thuirt Fay Nic Dhiarmaid, Manaidsear Phròiseactan Òigridh aig ChnaG “Cha b’urrainn dhuinn rudan mar seo a’ dhèanamh gun taic bho na daoine sa choimhearsnachd.  Tha iad cho cudromach le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig a’ chlann rudan eadar-dhealaichte fheuchainn is a’ cumail buidhnean Sradagan a’ dol fad na bliadhna, seachdain as dèidh seachdain, agus tha sinn fada nan comain. An rud as cudromaiche a mhothaich na pàrantan ’s e gu robh na Cuimrich a’ bruidhinn Cuimris fad na tìde  - ’se am prìomh chànan a bh’ aca is cha be Beurla. Tha iad an dòchas gun tug sin misneachd dhan na chlann acasan.”

Thathas an dòchas gun urrainn clann Albannach tadhal air na Cuimrich –’s dòcha an ath bhliadhna!

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach