Skip Navigation

Naidheachdan | News

Òraid Chuimhneachaidh
Memorial Lecture

Sgeama Ceumnachaidh
Graduates’ Scheme

Stiùireadh Dhreuchdan
Careers Advice

Co-fharpaisean 2012
2012 Competitions

Dràma le Astar III
Play in a Day

Tasglann Blog

Na Geamaichean Gàidhealach Baile a&rsquo...

Casan circe air camara

Turas Òigridh Uibhist gu Deas

Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Deugairean Uibhist agus na h-ealain

Lorg / Search:


gd en

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Deasbad Gàidhlig BT Alba A' Dèanamh air a' Phàrlamaid a-rithist

14 Samhain 2005

Chaidh a' chiad dà chuairt de Dheasbad Nàiseanta Gàidhlig BT Alba a chumail air Dimàirt an 8mh latha agus Diciadain an 9mh latha den t-Samhain anns an Ionad Ealain ùr spaideil 'An Lanntair' a chaidh fhosgladh bho chionn ghoirid ann am meadhan baile Steòrnabhaigh. Sheall 16 sgioba, a bha a' riochdachadh 13 àrd-sgoiltean bho air feadh Alba, deagh sgilean deasbaid fhads a bha iad a' libhrigeadh nam puingean aca 's iad a' strì gus àite fhaighinn anns na cuairtean deireannaich. Cha d'fhuair an 8 sgioba leis an deach an latha faochadh sam bith as dèidh a' chiad chuairt oir ghabh dàrna cuairt an deasbaid àite an ath latha.

'S iad na 4 sgioban a fhuair troimhe chun na h-ath ìre Àrd-sgoil Sheumais Gillespie, Dùn Èideann, Acadamaidh Hazlehead, Obar Dheathain, Acadamaidh Allt a' Mhuilinn, Inbhir Nis agus Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce, Glaschu. Bidh iad a' gabhail com-pàirt anns an iar-chuairt dheireannach a tha a' gabhail àite air Dimàirt an 22mh latha den t-Samhain ann an Oilthigh Dhùn Èidinn. Cuiridh na britheamhan an dà sgioba as fheàrr air adhart chun a' chuairt dheireannaich a tha a' gabhail àite ann am Pàrlamaid na h-Alba am bliadhna a-rithist air Diciadain an 23mh.

Tha BT Alba a-rithist nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna-sa agus tha iad air an taic àrdachadh gu £15,000. Thuirt Ealasaid Turner, Stiùiriche Tabhartasan Choimhearsnachd na buidhne:
"Tha BT Alba toilichte a bhi a' toirt taic dha Deasbad Nàiseanta Gàidhlig nan Sgoiltean gus inbhe a' chànain a thogail gu ìre nas àirde. Tha BT air £4.5 millean a chur gu prògram foghlaim a tha ag amas air piseach a thoirt air sgilean conaltraidh. Tha sinn den bheachd gu bheil deagh chomasan còmhraidh fìor chudthromach dha oileanaich, luchd-obrach, pàrantan, luchd-cùraim agus caraidean.
'S ioma doras a dh'fhosglas deagh sgilean conaltraidh agus tha BT airson dèanamh cinnteach gum bidh cothroman aig daoine òga ann an Alba na sgilean còmhraidh agus èisteachd aca a thoirt air adhart."

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall MacGilleathain bho Chomhairle nan Eilean Siar, Fear-cathrach Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid:
"Tha e uamhasach fhèin tlachdmhor a bhi a' faicinn an adhartais a th'air a thighinn air an fharpais seo. Tha ìre nan deasbadan air a bhi glè àrd agus tha sin na chomharradh gum bidh cuairt dheireannaich anabarrach fhèin math againn am bliadhna. Tha sinn a-rithist gu mòr an comainn BT Alba airson àrdachadh a dhèanamh air an t-airgead a tha iad a' toirt dhuinn. Mura biodh cho fialaidh 'sa tha iad cha bhiodh e idir comasach dhuinn tachartas Gàidhlig a chur air dòigh a bhiodh cho cliùiteach. Bidh Togalach na Pàrlamaid na bhrosnachadh mòr dhan dà sgioba a gheibh àite anns a' chuairt dheireannaich agus tha mi cinnteach gum bidh iad glè choltach ri buill pàrlamaid nuair a thòisicheas iad a' deasbad san t-seòmar ud."

BT Gaelic Debate heads for the Parliament once again

14th November 2005

The first two rounds of this year's BT Scotland National Gaelic Debate were held in the recently opened £5 million 'An Lanntair' Arts Centre in Stornoway on Tuesday 8th and Wednesday 9th November. 16 teams representing 13 secondary schools from throughout Scotland demonstrated well honed debating skills as they delivered their cases in an attempt to try and secure a place in the semi finals. There was no respite for the 8 victorious teams following the first round as they battled it out once more the next day where the contest was whittled down to just 4 teams.

The 4 successful teams to get to the semi-finals were James Gillespie High School, Edinburgh, Hazlehead Academy, Aberdeen, Millburn Academy, Inverness and Hillpark High School, Glasgow. They will participate in the Debate at the University of Edinburgh on Tuesday 22nd November. The 2 teams that most impress the judges that evening will meet in the Final Round which is again being held in the Scottish Parliament on Wednesday 23rd November.

The main sponsors of this year's Debate are once again BT Scotland who have increased their contribution to £15,000. Liz Turner, the company's Community Investment Manager said:
"BT Scotland is pleased to support the National Gaelic Schools' Debate and to promote this celebration of the Gaelic language. BT has invested £4.5 million in its education programme which concentrates on communication skills, because we believe the ability to communicate well lies at the heart of being a successful student, employee, parent, carer and friend.
Communication is the key enabling skill of life and BT is determined to ensure that young people in Scotland can develop their speaking and listening skills and have the best possible start in life."

Cllr Donald MacLean of Comhairle nan Eilean Siar, Chairman of the Debate Management Committee said:
"It is wonderful to see this competition go from strength to strength. The quality of the debates that we have seen so far have been of a high standard and this paves the way for a thrilling final. We are once again indebted to BT Scotland for increasing their level of sponsorship. Without their generosity it would not be possible to have such a prestigious Gaelic event. The Parliament Building will provide an inspirational backdrop for the Debate final and is sure to bring out the best in both teams."

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact

©2012 CnaG
site by reefnet