Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

31 Dàmhair 2006

O chionn colla-deug thadhail buidheann do dheugairean Gàidhlig air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu mar phàirt den deasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Dithis à Steòrnabhagh

Tha sgoilearan a’ tighinn bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla ri sgoilearan bhon Ghearasdan, Cille Brìde an Ear, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Port Rìgh agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an Deasbad fhèin bha cuairt gu Gailearaidh Ealain agus Taigh Tasgaidh Kelvingrove agus oidhche shòisealta le aoigheachd bhon Phròbhaist aig Comhairle Baile Ghlaschu.

A rèir Fionnlagh Coineagan bho Àrd-sgoil MhicNeacail " 'S e turas sgoinneil a bha seo le iomadach rud tlachdmhor na chois. Bha na h-òraidean inntinneach agus beòthail. Fhuair sinn blasad math de chultar, eachdraidh agus na h-ealain agus deagh chraic. Tha sinn an dòchas a bhith air ais an ath bhliadhna!"

An lùib chuspairean na bliadhna seo, tha “cuiridh teacs às do chànan”, “cha bu chòir ach daoine brèagha obair fhaighinn air Tbh”, “bu chòir Gàidhlig a bhith ga teagasg anns a’ h-uile sgoil ann an Alba”, agus” tha DJ’s gu math tàlantach air an rèidio”.

'S i Deirdre Ní Sheanachain, Meánscoil Mhuire, Eadan Doire, Co. Uí, a bhuannaich a’ phrìomh duais le Donna Marie NicÌomhair, Àrd-sgoil MhicNeacail, Eilean Leòdhais anns a’ chiad àite airson Alba agus Éamonn ó Ceallaigh, Gairmscoil Chú Uladh a' tighinn anns a’ chiad àite airson Èirinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach