Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Skip Navigation

Naidheachdan | News

Òraid Chuimhneachaidh
Memorial Lecture

Sgeama Ceumnachaidh
Graduates’ Scheme

Stiùireadh Dhreuchdan
Careers Advice

Co-fharpaisean 2012
2012 Competitions

Dràma le Astar III
Play in a Day

Tasglann Blog

Na Geamaichean Gàidhealach Baile a&rsquo...

Casan circe air camara

Turas Òigridh Uibhist gu Deas

Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Deugairean Uibhist agus na h-ealain

Lorg / Search:


gd en

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Luchd-ceumnachaidh a’ faighinn cothroman cosnaidh

19mh Dùbhlachd 2005

Thàinig luchd-ceumnachaidh is luchd-fastaidh a tha an sàs ann an Sgeama Luchd-ceumnachaidh Chomunn na Gàidhlig 2005/06 cruinn còmhla anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh air Diardaoin an 15mh latha den Dùbhlachd gus beachdachadh air an Sgeama.

Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, "Thug a’ choinneamh seo cothrom dhan luchd-ceumnachaidh coinneachadh ri chèile agus fhuair iad fhèin agus riochdairean bho na diofar bhuidhnean cothrom beachdan, ceistean, duilgheadasan no molaidhean sam bith a bh’ aca mun Sgeama a thogail. Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith a-nis airson dà bhliadhna agus tha CnaG air leth toilichte le cho math ’sa shoirbhich leis gu seo.
Tha sianar air obair fad bhliadhna fhaighinn còmhla ri caochladh bhuidhnean Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar agus anns an t-Eilean Sgitheanach tro Sgeama na bliadhna-sa agus tha sinn cinnteach gum faigh iad buannachd mhòr às."

Thuirt Sìne NicLeòid à Nis ann an Leòdhas, "Tha mi air cùmhnant bliadhna fhaighinn mar Oifigeir Taic aig Fosglan ann an Colaisde a’ Chaisteil tron Sgeama Luchd-ceumnachaidh. ’S e cothrom math dha rìribh a th’ ann dha daoine le Gàidhlig a th’ air ceumnachadh oir tha e a’ cruthachadh obraichean ùra a bheir eòlas dhaibh air saoghal na Gàidhlig. Tha piseach mhòr air a thighinn air na sgilean eadar-theangachaidh agam bho thòisich mi agus tha mi gu mòr an comainn Comunn na Gàidhlig airson cothrom a thoirt dhomh gus an obair seo a dhèanamh."

Job Opportunities for Gaelic Graduates

19th December 2005

On Thursday 15th December, graduates and employers involved in Comunn na Gàidhlig’s Graduate Placement Scheme 2005/06 came together in the new Stornoway Arts Centre ‘An Lanntair’ for an opportunity to voice their opinions on the Scheme.

Donald Martin, Chief Executive of Comunn na Gàidhlig, said "This meeting gave the graduates an opportunity to meet with one another and both they and representatives from the placement agencies used the event to raise any opinions, questions, difficulties or recommendations that they may have had regarding our Graduate Placement Scheme. This Scheme is now in its second year and CnaG are delighted with how successful it has been to date.
Six graduates have secured a year’s employment through this year's Scheme. They are employed by a variety of Gaelic organisations throughout the Western Isles and Skye and we are confident that they will reap the associated benefits of their experiences in the years to come."

Jayne MacLeod from Ness in Lewis said, "I have obtained a year's contract as a Support Officer with Fosglan in Lews Castle College through the Graduate Placement Scheme. It is a great opportunity for Gaelic speaking graduates as it facilitates the creation of new jobs that help to familiarise them with the ongoing developments associated with Gaelic. My own translation skills have improved dramatically since I started with Fosglan and I am indebted to Comunn na Gàidhlig for providing an opportunity for me to come into this line of work."

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact

©2012 CnaG
site by reefnet

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach