Skip Navigation

Naidheachdan | News

Òraid Chuimhneachaidh
Memorial Lecture

Sgeama Ceumnachaidh
Graduates’ Scheme

Stiùireadh Dhreuchdan
Careers Advice

Co-fharpaisean 2012
2012 Competitions

Dràma le Astar III
Play in a Day

Tasglann Blog

Na Geamaichean Gàidhealach Baile a&rsquo...

Casan circe air camara

Turas Òigridh Uibhist gu Deas

Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Deugairean Uibhist agus na h-ealain

Lorg / Search:


gd en

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Inbhir Pheofharain a’ buannachd Deasbad Nàiseanta

29mh Samhain 2006

Bhuannaich Sgoilearan à Acadamaidh Inbhir Pheofharain Deasbad Nàiseanta Gàidhlig BT Alba na bliadhna sa. Ghabh an cuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba ann

a’ Dùn Èideann a-raoir (Dimàirt 28mh Samhain 2006).

Tha an deasbad air a bhith a’ dol fad 9 bliadhna a-nis fo sgiath Chomunn na Gàidhlig. Thòisich BT Alba a’ cur taic ris bho chionn ochd bliadhna.

Bha Acadamaidh Inbhir Pheofharain a’ deasbad an aghaidh 16 àrd-sgoiltean eile bho air feadh Alba. Sa chuairt dheireannach choinnich iad ri sgoilearan à Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Bha iad a’ deasbad ‘cha deach an Stàite-banaltraim fada gu leòr’ agus ‘tha an Stàite-banaltraim air a dhol ro fhada’.

Bhuannaich Tessa Chaimbeul agus Coinneach MacCoinnich, sgoilearan san t-siathamh bliadhna, a’ phrìomh dhuais do Acadamaidh Inbhir Pheopharain agus bha Cara Coburn bhon treas bliadhna an làthair cuideachd.

Thuirt Graham MacCoinnich, ceannard Acadamaidh Inbhir Pheofharain:
“Tha mi gu math uasal asta, bha e mìorbhaileach gun do rinn iad a’ chùis air sgoil cho math air a’ Ghàidhlig ri Sgoil MhicNeacail. Sheall iad gun robh creideas aca annta fhèin, bha e soilleir gun do chòrd e riutha agus bha mi toilichte gun robh mi ann. Tha iad air cliù a chosnadh chan ann a-mhàin dhan sgoil ach dhan Ghàidhealtachd air fad.”

Bha BT Alba nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna sa le taic £15,000. Thuirt Brendan Dick, Manaidsear Nàiseanta Alba:
“Tha sgilean conaltraidh air leth chudromach agus air sgàth sin tha BT air sgeama £10 millean not a thòiseachadh air a bheil ‘Better World Campaign’. Mairidh an iomairt seo trì bliadhna agus bidh e ag amas cinnt a dhèanamh gum bi cothrom aig òigridh ann an Breatainn na sgilean conaltraidh aca a thoirt air adhart. Ach, tha an deasbad seo air a bhith cho math is gum faic sibh gu bheil na sgilean aig na Gàidheil Òga seo gu math adhartach. ’B e cuairt dheireannach fìor mhath a bh’ ann sa Phàrlamaid.”

Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Ceannard Chomunn na Gàidhlig agus Cathraiche Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid:
“Tha mi a’ cur meala naidheachd air an dà sgioba airson deasbad a bha anabarrach fhèin math. Tha mi smaoineachadh gun d’ thug togalach bhrèagha a’ Phàrlamaid misneachd dhaibh gus an dìcheall a dhèanamh. Mhol na breitheamhan an dà sgioba air cho math ’s a rinn iad”.

Bha na daoine a leanas nan breitheamhan:

Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul, Ceannard Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Màiri Kidd agus craoladair a’ Bh.B.C Iain MacIlleathain.

Dingwall pupils win BT Gaelic debate at Parliament

29th November 2006

Pupils of Dingwall Academy have won the finals of the BT Gaelic Schools Debate which took place yesterday evening (Tuesday 28th November, 2006) in the Scottish Parliament at Holyrood, Edinburgh.

Now in its 9th year the BT Gaelic Schools Debate is organised by Comunn na Gàidhlig (CnaG) and sponsored for the last 8 years by BT Scotland.

Dingwall Academy hotly contested the final debate against 16 other Secondary schools from throughout Scotland and met Stornoway-pupils from the The Nicolson Institute in the finals to debate: ‘The nanny state has not gone far enough‘ and ‘The nanny state has gone too far’.

Sixth year pupils Tessa Campbell, and Kenneth MacKenzie won the coveted debate trophy for Dingwall Academy with reserve 3rd year pupil Cara Coburn in attendance.

Graham MacKenzie, Rector of Dingwall Academy said:
“I am immensely proud of them it is a fantastic achievement for our youngsters who won to take on a school as celebrated in Gaelic as The Nicolson Institute. They showed a tremendous confidence and it was clear that they enjoyed themselves and I was very proud to be there. They were a credit not only to Dingwall Academy but also to the Highlands.”

BT Scotland were the main sponsors of the Debate providing sponsorship of £15,000. BT Scotland's National Manager Brendan Dick said:
“The ability to communicate effectively is the number one life skill and that's why BT has just launched its new £10m Better World Campaign, a three year initiative designed to ensure all young people in the UK get the skills and opportunities to improve the way they communicate. However, the quality of debate we've had demonstrates that these young Gaels are already developing and growing their speaking and listening skills and it was a terrific final in the Scottish Parliament.”

Donald Martin of CnaG and Chair of the Organising Committee said:
“I congratulate both teams for producing first class debate. I think the surroundings in the Parliament inspired the pupils to produce their very best. Both teams were complimented by the adjudicators on an excellent performance.”

The adjudicators of the final debate were: Bòrd na Gàidhlig Chief Executive, Allan Campbell; Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig Chief Executive, Mairi Kidd; and BBC Gaelic Broadcaster Iain MacLean.

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact

©2012 CnaG
site by reefnet