Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Mairead NicNèill a tha air an t-siathamh bliadhna ann an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil air Duais Dhòmhnaill Stiùbhart fhaighinn airson a Bàrdachd Gàidhlig aice a bha air a’ thaisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba an uiridh.

Tha Urras Chuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiùbhart a’ toirt seachad an Duais mar chuimhneachan air a’ Bhall Pàrlamaid nach maireann agus mar chomharradh air a shaothair agus a seirbheis. Fhuair Mhairead an Duais aig Seirbheis Duaisean na Sgoile bho Bhall Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas MacNèill BP.

Thuirt Cathraiche an Urrais, Murchadh MacLeòid a tha cuideachd na Stiùiriche Foghlam aig Comhairle nan Eilean Siar:

“Chuir an Sgoil Mairead air adhart airson na Duais am bliadhna agus cha robh teagamh sam bith aig na h-urrasairean ann a bhith a’ toirt dhith an Duais. Choisinn i duais ann a’ farpais Phàrlamaid na h-Alba tha mar tha i air inbhe na Gàidhlig, a sgoil agus a coimhearsnachd a thogail an dà chuid aig ìre ionadail agus aig ìre nàiseanta. Bha Dòmhnall Stiubhart nach maireann air a mheas mar Bhall Pàrlamaid urramach agus tha e iomchaidh gum biodh a’ chiad neach a bhuannachd an Duais mar chuimhneachan air an dèidh ceangal a dhèanamh eadar cànan agus cultar ar n-eileanan agus togalach ùr na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann.”

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach