Gnìomhachasan a’ faighinn chothroman Ùra


Tha dà chompanaidh ùra ag aithneachadh chothroman Gàidhlig ’s iad a’ cleachdadh shoidhnichean dà-chànanach. Bidh Taigh-òsta a’ Chorainn agus Companaidh eadar-lìon Echoraith a’ cleachdadh nan soidhnichean le taic bho Chomunn na Gàidhlig (CnaG).

Bidh Echoraith a’ cur suas nan soidhnichean ann an Tallaichean Dhùn Ollaidh ann am meadhan an Òbain agus thathar an dùil gun leasaich iad ìomhaigh a’ chompanaidh.

Tha Taigh-òsta a’ Chorainn, air an robh "Taigh-òsta Nether Lochaber", gu bhith cleachdadh nan soidhnichean a-staigh agus taobh a-muigh leis na milltean de luchd-turais agus muinntir an àite gam faicinn faisg air Aiseag a’ Chorainn.

Fhuair Echoraith agus Taigh-òsta a’ Chorainn taic le eadar-theangachadh, soidhnichean fhàin agus taic-airgid bho sgeamaichean ChnaG.

Tha sinn an dòchas gun tèid gu math leis an dà chompanaidh seo.

Airson tuilleadh-fiosrachaidh mun iomairt seo: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.