Tha thu an-seo: Dachaigh
Naidheachdan
Naidheachdan nas sine
Naidheachdan 2006
Là Fiosrachaidh Gàidhlig




Chaidh latha fiosrachaidh Gàidhlig a chumail ann an teas meadhan cathair bhaile Inbhir Nis air Disathairne an 29 den Ghiblean 2006 far an tàinig iomadach buidheann Gàidhlig còmhla gus inbhe a chànain a thogail am measg luchd-ceannach a bhaile.
Bha measgachadh de cheòl agus tàlant rin cluinntinn tron latha cuideachd air àrd ùrlar a bh'air a' Phrìomh Shràid a bha mar phàirt den Fhèis Chiùil ‘Fèis Bhealltainn' a chaidh a chur air dòigh le ‘Ceòl Beò’.
Chaidh an latha fiosrachaidh a cho-òrdanachadh le Aonghas MacLeòid a tha ag obair na
Cho-òrdanaiche leasachaidh don Phlana Cànain & Cultair ann an Sgìre Inbhir Nis, Inbhir Narainn, Bhàideanach 's Srath Spè. Thuirt Aonghas MacLeòid:-
"Tha mu 3000 aig a bheil Gàidhlig a tha a fuireach ann an Inbhir Nis agus ‘s e bhith togail inbhe a chànain anns a’ choimhearsnachd air fad aon de prìomh amasan a’ Phlana."
Bha fiosrachadh ri fhaotainn bho na buidhnean a leanas:-