Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Skip Navigation

Naidheachdan | News

Òraid Chuimhneachaidh
Memorial Lecture

Sgeama Ceumnachaidh
Graduates’ Scheme

Stiùireadh Dhreuchdan
Careers Advice

Co-fharpaisean 2012
2012 Competitions

Dràma le Astar III
Play in a Day

Tasglann Blog

Na Geamaichean Gàidhealach Baile a&rsquo...

Casan circe air camara

Turas Òigridh Uibhist gu Deas

Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Deugairean Uibhist agus na h-ealain

Lorg / Search:


gd en

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Fèis Tìr a’ Mhurain 2006

An t-Iuchar 2006

Thòisich Fèis Tìr a’ Mhurain, fèis Ghàidhlig, am-bliadhna air Diluain 10mh dhen Iuchair agus uile gu lèir bha 89 sgoilear aig an fhèis. Bha clann eadar 5 agus 17 aig an fhèis bho cho fada air falbh ri Beàrnaraigh, air feadh Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas agus Eirisgeigh a bh’ air a cumail ann an Sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas. A bharrachd air an fheadhainn sin bha clann bho Fèis Spè, Glaschu, Inbhir Nis, Dùn Èideann agus Leòdhas aig an fhèis cuideachd.

ag ionnsachadh a' bhocsa

Bha beartas de luchd-ciùil cliùiteach aig an fhèis am-bliadhna. Bha na h-oidean an dà chuid bhon sgìre ionadail agus bhon taobh a-muigh, bho eileanan eile no bho sgìrean Gàidhealach eile. ‘S iad na h-oidean; Catrìona Nic a’ Phì – Seinn, Ruairidh MacNeacail agus Ceana Chaimbeul – Dràma, Calum Anthony Peutan agus Cailean Gòrdan – Pìob agus Feadan, Alaig Dòmhnallach agus Lynne Houston – Bocsa, Griogair Lawrie – Fìdeag agus Obair Buidhne, Tommy Dòmhnallach agus Maria NicAonghais – Meur Chlàr, Caitlin Ghreumach – Clàrsach, Catrìona Steele agus Linda NicLeòid – Dannsa Gàidhealach, Colla Dòmhnallach – Fidheall agus Obair Buidhne, Ceit NicDhòmhnaill agus Sorcha Monk – Ealain, Michaelina Nic IllFhialain – Geamaichean & Stòraidhean, Màiri Nic a’ Bhreatannaich – Meadhanan, Manus Greumach – Giotàr, Mòrag NicSuain – Dannsa Innse Gall, agus Aonghas Carruthers agus Aonghas Iain Dòmhnallach – Iomain.

An dèidh latha ag ionnsachadh, chuir an fhèis air dòigh iomadach tachartas air an oidhche air feadh Uibhist a Deas. Chòrd na tachartasan ri muinntir an àite agus luchd-tadhail air feadh na seachdain. Thòisich gnothaichean le seisean ciùil ann an taigh-òsta Loch Baghasdail air oidhche Chiadain far an robh mòran a’ cluich agus a’ seinn. Air oidhche eile, chaidh cèilidh agus dannsa a chumail ann an Talla Stoinebrig far an robh na h-oidean uile agus Billy Mac a’ Phì a’ cluich agus a’ seinn.

Thàinig Fèis Tìr a’ Mhurain gu crìoch air oidhche Haoine le ‘Cèilidh na Cloinne’. Bha obair ealain nan sgoilearan air a thaisbeanadh air taobh a-muigh na sgoile agus a-staigh, bha a’ chlann thàlantach a’ sealltainn na bha iad air ionnsachadh fad na seachdain aig an Fhèis còmhla ri an cuid oidean a bha air a bhith ag obair cho trang.

Fhuair Fèis Tìr a’ Mhurain taic airgid bho Fèisean nan Gàidheal, Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig, Iomairt nan Eilean Siar, Community Economic Development, Sgeama Leasachaidh Coimhearsnachdan Croitearachd agus Comhairle Spòrs Uibhist is Bharraigh.

Fèis Tìr a’ Mhurain 2006

July 2006

Fèis Tìr a’ Mhurain, a Gaelic cultural and music festival, started this year on Monday the 10th of July and there were 89 pupils taking part altogether. Children between the ages of 5 and 17 from as far afield as Berneray, all over North and South Uist and Eriskay attended the Fèis which took place in Dalabroig school in South Uist. Children from fèisean in Spey, Glasgow, Inverness, Edinburgh and Lewis also attended.

children at the fèis

There were an abundance of talented players at this years fèis. There were both local tutors and some from further afield, from other islands or other parts of the highland region. The tutors were; Catriona MacPhee – Singing, Ruairidh MacNicol and Kenna Campbell – Drama, Calum Anothony Beaton and Colin Gordon – Pipes and Chanter, Alec MacDonald and Lynne Houston – Accordion, Gregor Lawrie – Whistle and Group work, Tommy MacDonald and Maria MacInnes – Highland Dancing, Colla MacDonald – Fiddle and Group work, Kate MacDonald and Sorcha Monk – Art, Michealina MacLellan – Games & Stories, Mairi Galbraith – Media, Magnus Graham – Guitar, Morag MacSween – Hebridean Dancing and Angus Carruthers & Angus Ian MacDonald – Shinty.

After a day of learning, the fèis put on a selection of events during the evening all over South Uist. They were enjoyed by the locals and visitors throughout the week. The events kicked off with a music session in Lochboisdale hotel on Wednesday night where many were playing and singing. On another evening a cèilidh and dance were held in Staoinibrig Hall where all the tutors and Billy MacPhee were playing and singing.

Fèis Tìr a’ Mhurain was brought to a close on Friday night with ‘The Children’s Cèilidh’. The artwork of the children was displayed outside and within the school. The talented children were showing off what they’d learned over the week at the Fèis along with their hard working tutors.

Fèis Tìr a’ Mhurain received financial support from Fèisean nan Gàidheal, Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig, Western Isles Enterprise, Community Economic Development, Crofting Community Development scheme and Uist and Barra Sports Council.

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact

©2012 CnaG
site by reefnet

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach